Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 9:21 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Agus thubhairt na h‑uachdarain riu, Leigibh leo a bhith beò; ach biodh iad nan luchd‐gearraidh fiodha, agus nan luchd‐tarraing uisge don cho‐chruinneachadh uile, mar a gheall na h‑uachdarain dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Agus thubhairt na h‑uachdarain riu, Leigibh leo a bhith beò; ach biodh iad nan luchd-gearraidh fiodha, agus nan luchd-tarraing uisge don cho-chruinneachadh uile, mar a gheall na h‑uachdarain dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 9:21
9 Iomraidhean Croise  

Thèid a ghuth a‑mach mar ghuth nathrach; oir gluaisidh iad mar armailt, agus thig iad na h‑aghaidh le tuaghan, mar luchd‐gearradh chraobh.


Tha sibh uile nur seasamh an‑diugh an làthair an Tighearna ur Dia; ceannardan ur treubhan, ur seanairean, agus ur luchd‐riaghlaidh, fir Israeil uile,


Ur clann bheag, ur mnathan, agus do choigreach a tha ann ad champ o fhear‐gearraidh d’fhiodha gu fear‐tarraing d’uisge;


Agus nuair a chuala Adoni‐sedec, rìgh Ierusaleim, gun do ghlac Iosua Ai, agus gun do lèirsgrios e e; mar a rinn e ri Iericho agus ra rìgh, mar sin gun do rinn e ri Ai agus ra rìgh; agus gun do rinn luchd‐àiteachaidh Ghibeoin sìth ri Israel, agus gu robh iad nam measg;


Agus rinn Iosua sìth riu, agus rinn e coicheangal riu, a leigeil leo a bhith beò: agus mhionnaich uachdarain a’ cho‐chruinneachaidh dhaibh.


Seo nì sinn riu; leigidh sinn eadhon leo a bhith beò, a‑chum nach bi fearg Dhè nar n‑aghaidh, airson nam mionnan a mhionnaich sinn dhaibh.


A‑nis uime sin tha sibh mallaichte, agus cha saorar neach air bith dhibh o bhith nur tràillean, agus nur luchd‐gearraidh fiodha, agus nur luchd‐tarraing uisge airson taigh mo Dhè.


Agus rinn Iosua iad anns an là sin fhèin nan luchd‐gearraidh fiodha, agus nan luchd‐tarraing uisge don cho‐chruinneachadh agus do altair an Tighearna, eadhon gus an là‑an‑diugh, anns an ionad a roghnaicheadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan