Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 9:2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Chruinnich iad an ceann a chèile a chogadh ri Iosua, agus ri Israel, le aon rùn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Chruinnich iad an ceann a chèile a chogadh ri Iosua, agus ri Israel, le aon rùn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 9:2
15 Iomraidhean Croise  

Ged iadhadh làmh mu làimh, cha bhi an droch dhuine gun pheanas; ach saorar sliochd nam fìrean.


Feuch, bidh cruinneachadh gu deimhinn ann, ach chan ann leamsa; cò sam bith a chruinnicheas ad aghaidh, tuitidh e air do sgàth.


Na abraibh‐sa co‑bhainn ris gach nì ris an abair an sluagh seo co‑bhainn; agus na gabhaibh eagal ron uamhas‐san, agus na biodh geilt oirbh.


Uime sin chruinnich còig rìghrean nan Amorach, rìgh Ierusaleim, rìgh Hebroin, rìgh Iarmuit, rìgh Lachis, rìgh Egloin, iad fhèin an ceann a chèile, agus chaidh iad suas, iad fhèin agus an slòigh uile, agus champaich iad fa chomhair Ghibeoin, agus chog iad na aghaidh.


Agus nuair a chuala Iabin rìgh Hasoir na nithean sin, chuir e fios gu Iobab rìgh Mhadoin, agus gu rìgh Shimroin, agus gu rìgh Achsaiph,


Agus nuair a bha na rìghrean sin uile air coinneachadh a chèile, thàinig iad agus champaich iad cuideachd aig uisgeachan Mheroim, a chogadh an aghaidh Israeil.


Agus chaidh sibh thar Iòrdan, agus thàinig sibh gu Iericho: agus chog fir Iericho nur n‑aghaidh, na h‑Amoraich, agus na Peridsich, agus na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Girgasaich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich; agus thug mi thairis iad dur làimh.


Oir is iad sin spioradan dheamhan, a’ dèanamh chomharraidhean, a tha a’ dol a‑mach a‑chum rìghrean na talmhainn, agus an domhain uile, gun cruinneachadh a‑chum cath là mòr sin an Dè uile‐chumhachdaich.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan