Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 9:17 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

17 Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat‐iearim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

17 Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 9:17
24 Iomraidhean Croise  

Agus bha aig mac Shauil dithis fhear a bha nan ceannardan air buidhnean; b’e ainm aoin dhiubh Baanah, agus ainm an fhir eile Rechab, mic Rimoin am Beerotach, de chloinn Bheniàmin: (oir mheasadh Beerot mar an ceudna de Bheniàmin:


Agus Ismaiah an Gibeonach, duine treun am measg an deich‐ar‑fhichead, agus os cionn an deich‐ar‑fhichead; agus Ieremiah, agus Iehasiel, agus Iohanan; agus Iosabad an Gederatach,


B’iad seo mic Chàleib mhic Huir, ciad‐ghin Ephrata: Sobal athair Chiriat‐iearim,


Agus bha aig Sobal, athair Chiriat‐iearim, mic: Haroeh, Hatsi, Hameniot.


Agus teaghlaichean Chiriat‐iearim: na h‑Itrich, agus na Puthich, agus na Sumataich, agus na Misraich: uapasan thàinig na Sereataich, agus na h‑Estaulaich.


Oir bha pàillean an Tighearna a rinn Maois anns an fhàsach, agus altair na h‑ìobairt‐loisgte, anns an àm sin anns an àit àrd ann an Gibeon.


Mic Chiriat‐arim, Chephirah, agus Bheeroit, seachd ceud, dà‑fhichead agus a trì.


Fir Chiriat‐iearim, Chephirah, agus Bheeroit, seachd ceud, dà‑fhichead agus a trì.


Agus bha fòs duine ann a rinn fàistneachd ann an ainm an Tighearna, Uriah mac Shemariah, o Chiriat‐iearim, a rinn fàistneachd an aghaidh na cathrach seo, agus an aghaidh na tìre seo, a rèir uile bhriathran Ieremiah:


Ghabh iad eagal mòr, do bhrìgh gum bu bhaile mòr Gibeon, mar aon de na bailtean rìoghail, agus do bhrìgh gum bu mhò e na Ai, agus gu robh a dhaoine uile treun.


Ciriat‐bàal (is e sin Ciriat‐iearim), agus Rabah: dà bhaile mhòr lem bailtean beaga.


Agus thàirngeadh a’ chrìoch o mhullach an t‑slèibh gu tobar uisge Nephtoah, agus chaidh i a‑mach gu bailtean sliabh Ephroin, agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Bàalah; (is e sin Ciriat‐iearim.)


Agus thàirngeadh a’ chrìoch o sin, agus chuartaich i oisean na mara ri deas, on t‑sliabh a tha fa chomhair Bhet‐horoin ri deas: agus bha a dol a‑mach aig Ciriat‐bàal (is e sin Ciriat‐iearim), baile le cloinn Iùdah. B’i sin a’ cheàrn an iar.


Agus bha a’ cheàrn mu dheas o cheann Chiriat‐iearim, agus chaidh a’ chrìoch a‑mach air an làimh an iar, agus ghabh i a‑mach gu tobar uisgeachan Nephtoah.


Agus thachair an ceann trì làithean, an dèidh dhaibh coicheangal a dhèanamh riu, gun cuala iad gum b’iad an coimhearsnaich iad, agus gu robh iad a chòmhnaidh nam measg.


Agus cha do bhuail clann Israeil iad a chionn gun do mhionnaich uachdarain a’ cho‐chruinneachaidh dhaibh air an Tighearna, Dia Israeil. Agus rinn an co‑chruinneachadh uile gearan an aghaidh nan uachdaran.


Agus nuair a chuala luchd‐àiteachaidh Ghibeoin ciod a rinn Iosua ri Iericho agus ri Ai,


Agus thubhairt iad ris, O dhùthaich ro‑fhada air astar thàinig do sheirbhisich, air sgàth ainm an Tighearna do Dhia: oir chuala sinn a iomradh‐san, agus gach nì a rinn e anns an Eiphit,


Agus chaidh iad suas, agus champaich iad ann an Ciriat‐iearim, ann an Iùdah: uime sin thugadh Mahaneh‐dan mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh; feuch, tha e air cùlaibh Chiriat‐iearim.


Agus chuir iad teachdairean a dh’ionnsaigh luchd‐àiteachaidh Chiriat‐iearim, ag ràdh, Thug na Philistich air a h‑ais àirc an Tighearna; thigibh a‑nuas, thugaibh suas i dur n‑ionnsaigh.


Agus thàinig daoine Chiriat‐iearim, agus thug iad suas àirc an Tighearna, agus thug iad a‑steach i do thaigh Abinadaib ann an Gibeah, agus naomhaich iad a mhac Eliàsar, a ghleidheadh àirc an Tighearna.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan