Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 9:15 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

15 Agus rinn Iosua sìth riu, agus rinn e coicheangal riu, a leigeil leo a bhith beò: agus mhionnaich uachdarain a’ cho‐chruinneachaidh dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

15 Agus rinn Iosua sìth riu, agus rinn e coicheangal riu, a leigeil leo a bhith beò: agus mhionnaich uachdarain a’ cho-chruinneachaidh dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 9:15
10 Iomraidhean Croise  

Agus ghairm an rìgh air na Gibeonaich, agus thubhairt e riu; (a‑nis cha robh na Gibeonaich de chloinn Israeil, ach de iarmad nan Amorach: agus thug clann Israeil mionnan dhaibh: agus dh’iarr Saul am marbhadh, na eud airson chloinn Israeil agus Iùdah:)


Cha dèan thu riùsan, no rin diathan, coicheangal sam bith.


Agus nuair a chuala Adoni‐sedec, rìgh Ierusaleim, gun do ghlac Iosua Ai, agus gun do lèirsgrios e e; mar a rinn e ri Iericho agus ra rìgh, mar sin gun do rinn e ri Ai agus ra rìgh; agus gun do rinn luchd‐àiteachaidh Ghibeoin sìth ri Israel, agus gu robh iad nam measg;


Thigibh a‑nìos am ionnsaigh‐sa, agus cuidichibh leam, a‑chum gum buail sinn Gibeon: oir rinn e sìth ri Iosua, agus ri cloinn Israeil.


Cha robh baile mòr air bith a rinn sìth ri cloinn Israeil, saor o na Hibhich, luchd‐àiteachaidh Ghibeoin; càch uile ghlac iad ann an cath.


Agus thachair an ceann trì làithean, an dèidh dhaibh coicheangal a dhèanamh riu, gun cuala iad gum b’iad an coimhearsnaich iad, agus gu robh iad a chòmhnaidh nam measg.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan