Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 8:8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus nuair a ghlacas sibh am baile, cuiridh sibh am baile ri theine: a rèir àithne an Tighearna nì sibh. Feuch, dh’àithn mise dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus nuair a ghlacas sibh am baile, cuiridh sibh am baile ri theine: a rèir àithne an Tighearna nì sibh. Feuch, dh’àithn mise dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 8:8
12 Iomraidhean Croise  

A‑nis dh’àithn Absalom da òglaich, ag ràdh, Thugaibh fa‑near a‑nis nuair a bhios cridhe Amnoin subhach le fìon, agus nuair a their mise ribh, Buailibh Amnon, an sin marbhaibh e. Na biodh eagal oirbh: nach d’àithn mise dhuibh? Bithibh misneachail, agus bithibh treun.


Ach de bhailtean an t‑sluaigh sin a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd, cha ghlèidh thu nì sam bith beò anns a bheil anail:


Agus fhreagair iad Iosua, ag ràdh, Na h‑uile nithean a dh’àithn thu dhuinne, nì sinn; agus ge bè taobh a chuireas tu sinn, thèid sinn.


Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu.


Agus loisg iad am baile le teine, agus gach nì a bha ann: a‑mhàin an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na soithichean umha agus iarainn, chuir iad ann an ionmhas taigh an Tighearna.


Agus nuair a shuidhich iad an sluagh, eadhon am feachd uile a bha air an taobh mu thuath den bhaile, agus an luchd feall‐fhalaich air an taobh an iar den bhaile, chaidh Iosua anns an oidhche sin do mheadhon a’ ghlinne.


Agus nì thu ri Ai agus ra rìgh mar a rinn thu ri Iericho agus ra rìgh: a‑mhàin a chreach, agus a sprèidh, gabhaidh sibh mar chobhartach dhuibh fhèin. Cuir daoine ann am feall‐fhalach an aghaidh a’ bhaile air a chùlaibh.


Agus chaidh iadsan a‑mach as a’ bhaile nan aghaidh; mar sin bha iad ann am meadhon Israeil, cuid air an taobh seo, agus cuid air an taobh ud: agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàgadh aon dhiubh beò, no aon gu dol as.


Agus loisg Iosua Ai, agus rinn e na chàrn e gu bràth, na fhàsach gus an là‑an‑diugh.


An sin èiridh sibhse on fheall‐fhalach, agus glacaidh sibh am baile: oir bheir an Tighearna ur Dia nur làimh e.


Uime sin chuir Iosua a‑mach iad; agus dh’fhalbh iad a dhèanamh feall‐fhalaich, agus dh’fhan iad eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar de Ai: ach dh’fhan Iosua an oidhche sin am measg an t‑sluaigh.


Agus chuir i fios, agus ghairm i Barac, mac Abinoaim, a‑mach à Cedes‐naphtali, agus thubhairt i ris, Nach d’àithn an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus tarraing gu sliabh Thaboir, agus thoir leat deich mìle fear de chloinn Naphtali, agus de chloinn Shebuluin;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan