Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 8:4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Feuch, nì sibh feall‐fhalach an aghaidh a’ bhaile, eadhon air cùl a’ bhaile: na rachaibh ro‑fhada on bhaile, ach bithibh uile deas:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Feuch, nì sibh feall-fhalach an aghaidh a’ bhaile, eadhon air cùl a’ bhaile: na rachaibh ro‑fhada on bhaile, ach bithibh uile deas:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 8:4
14 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich an rìgh anns an oidhche, agus thubhairt e ra sheirbhisich, Innsidh mi dhuibh a‑nis ciod a rinn na Sirianaich oirnn: tha fhios aca gu bheil sinne acrach, agus chaidh iad a‑mach as a’ champ gu am falach fhèin anns a’ mhachair, ag ràdh, Nuair a thig iad a‑mach as a’ bhaile, glacaidh sinn beò iad, agus thèid sinn a‑steach don bhaile.


Ach thug Ierobòam air luchd feall‐fhalaich teachd mun cuairt air an cùlaibh, air chor is gu robh iad fhèin fa chomhair Iùdah, agus an luchd feall‐fhalaich air an cùlaibh.


Neartaichidh gliocas duine glic nas mò na deichnear dhaoine cumhachdach a tha anns a’ chathair.


An sin thubhairt mise, Is fheàrr gliocas na neart: gidheadh, nìthear tàir air gliocas an duine bhochd, agus chan èisdear ra bhriathran.


Ach na aontaich thusa leo: oir tha os cionn dà‑fhichead fear dhiubh ri feall‐fhalach na aghaidh, a chuir iad fhèin fo mhallachadh, nach ith agus nach òl iad gus am marbh iad e: agus a‑nis tha iad ullamh, a’ feitheamh ri gealladh uatsa.


Agus ghairmeadh an sluagh uile a bha ann an Ai an ceann a chèile gu dol air an tòir, agus chaidh iad air tòir Iosua, agus thàirngeadh on bhaile iad.


Agus dh’èirich Iosua agus an sluagh‐cogaidh uile, a dhol suas an aghaidh Ai: agus thagh Iosua a‑mach deich‐mìle‐fichead fear treun ann an neart, agus chuir e air falbh iad anns an oidhche.


Agus chuir Israel luchd feall‐fhalaich mun cuairt air Gibeah.


Agus dh’èirich clann Israeil uile suas as an àite, agus chuir iad iad fhèin ann an òrdagh catha ann am Bàal‐tàmar: agus thàinig luchd feall‐fhalaich Israeil a‑mach as an àitean, eadhon o uchdaich Ghibeah.


Agus chunnaic clann Bheniàmin gun do bhuaileadh iad: oir thug fir Israeil àite do na Beniàminich, a chionn gun d’earb iad ris an luchd feall‐fhalaich a shuidhich iad làimh ri Gibeah.


Agus chuir maithean Shecheim luchd feall‐fhalaich air a shon air mullaichean nam beann, agus rinn iad reubainn air gach neach a chaidh seachad orra anns an t‑slighe sin: agus dh’innseadh sin do Abimelech.


A‑nis uime sin, èirich suas anns an oidhche, thu fhèin agus an sluagh a tha maille riut, agus dèan feall‐fhalach anns an fhearann:


Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Is cuimhne leam ciod a rinn na h‑Amalecich air na h‑Israelich, cionnas a chuir iad nan aghaidh anns an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit.


Agus thàinig Saul gu baile le Amalec, agus rinn e feall‐fhalach anns a’ ghleann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan