Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 8:2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus nì thu ri Ai agus ra rìgh mar a rinn thu ri Iericho agus ra rìgh: a‑mhàin a chreach, agus a sprèidh, gabhaidh sibh mar chobhartach dhuibh fhèin. Cuir daoine ann am feall‐fhalach an aghaidh a’ bhaile air a chùlaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus nì thu ri Ai agus ra rìgh mar a rinn thu ri Iericho agus ra rìgh: a‑mhàin a chreach, agus a sprèidh, gabhaidh sibh mar chobhartach dhuibh fhèin. Cuir daoine ann am feall-fhalach an aghaidh a’ bhaile air a chùlaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 8:2
27 Iomraidhean Croise  

Ach thug Ierobòam air luchd feall‐fhalaich teachd mun cuairt air an cùlaibh, air chor is gu robh iad fhèin fa chomhair Iùdah, agus an luchd feall‐fhalaich air an cùlaibh.


Agus nuair a thòisich iad air seinn agus air moladh, chuir an Tighearna luchd feall‐fhalaich an aghaidh chloinn Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir, a thàinig an aghaidh Iùdah; agus bhuaileadh iad:


Gu deimhinn, tha gach duine a’ siubhal ann an samhladh dìomhain; gu deimhinn, cuirear mì‑shuaimhneas orra gu faoin; càrnaidh neach suas beartas, gun fhios aige cò a mhealas e.


Fàgaidh duine math oighreachd aig cloinn a chloinne; ach taisgear don fhìrean maoin a’ pheacaich.


Bidh duine fìrinneach pailt ann am beannachdan; ach esan a nì deifir gu bhith saoibhir, cha bhi e neochiontach.


Mar a’ chearc a nì gur air uibhean, agus nach toir a‑mach eòin, tha esan a gheibh beartas, ach nach ann le còir; ann am meadhon a làithean dealaichidh e ris; agus na chrìch dheireannaich bidh e na amadan.


Fa chomhair ballachan Bhàbiloin cuiribh suas a’ bhratach, dèanaibh am freiceadan làidir; suidhichibh luchd‐faire, deasaichibh luchd feall‐fhalach; oir mar a dhealbh an Tighearna, mar an ceudna rinn e, na nithean sin a labhair e an aghaidh luchd‐àiteachaidh Bhàbiloin.


A‑mhàin ghabh sinn dhuinn fhèin an sprèidh mar chobhartach, agus creach nam bailtean a ghlac sinn.


Ach na mnathan, agus a’ chlann bheag, agus an sprèidh, agus na h‑uile nithean a tha anns a’ bhaile, eadhon a chreach uile, gabhaidh tu dhut fhèin; agus ithidh tu creach do naimhdean, a thug an Tighearna do Dhia dhut.


Agus thubhairt an Tighearna riumsa, Na biodh eagal ort roimhe; oir dod làimh‐sa bheir mise thairis e fhèin, agus a shluagh uile, agus a fhearann; agus nì thu ris mar a rinn thu ri Sihon rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh aig Hesbon.


Agus nuair a chuala Adoni‐sedec, rìgh Ierusaleim, gun do ghlac Iosua Ai, agus gun do lèirsgrios e e; mar a rinn e ri Iericho agus ra rìgh, mar sin gun do rinn e ri Ai agus ra rìgh; agus gun do rinn luchd‐àiteachaidh Ghibeoin sìth ri Israel, agus gu robh iad nam measg;


Agus air an là sin fhèin ghlac Iosua Macedah, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh sgrios e gu tur, iadsan agus gach anam a bha ann; cha d’fhàg e neach air bith beò: agus rinn e ri rìgh Mhacedah mar a rinn e ri rìgh Iericho.


Agus uile chreach nam bailtean sin, agus an sprèidh, ghabh clann Israeil mar chobhartach dhaibh fhèin; ach bhuail iad gach duine le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuir iad as dhaibh; cha d’fhàg iad neach air bith anns an robh anail.


Agus lèirsgrios iad gach nì a bha anns a’ bhaile, eadar fhear agus bhean, òg agus shean, agus dhamh, agus chaora, agus asal, le faobhar a’ chlaidheimh.


Agus ghabh e mu thimcheall còig mìle fear agus chuir e iad a dhèanamh feall‐fhalaich eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar den bhaile.


Agus nuair a chunnaic rìgh Ai sin, rinn iad cabhag agus dh’èirich iad gu moch; agus chaidh fir a’ bhaile a‑mach gu cath an aghaidh Israeil, e fhèin agus a shluagh uile, ann an àm suidhichte, fa chomhair a’ chòmhnaird: ach cha robh fhios aige gu robh luchd feall‐fhalaich na aghaidh air cùl a’ bhaile.


Agus dh’èirich na daoine a bha ris an fheall‐fhalach gu grad as an àite, agus ruith iad cho luath is a shìn e a‑mach a làmh: agus chaidh iad a‑steach don bhaile, agus ghlac iad e, agus rinn iad cabhag, agus chuir iad am baile ri theine.


Agus nuair a chuir Israel crìoch air uile luchd‐àiteachaidh Ai a mharbhadh, anns a’ mhachair, anns an fhàsach don do chuir iad an ruaig orra, agus nuair a thuit iad uile le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuireadh as dhaibh, an sin thill na h‑Israelich uile gu Ai, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh.


Agus dh’èirich Iosua agus an sluagh‐cogaidh uile, a dhol suas an aghaidh Ai: agus thagh Iosua a‑mach deich‐mìle‐fichead fear treun ann an neart, agus chuir e air falbh iad anns an oidhche.


An sin èiridh sibhse on fheall‐fhalach, agus glacaidh sibh am baile: oir bheir an Tighearna ur Dia nur làimh e.


Agus nuair a ghlacas sibh am baile, cuiridh sibh am baile ri theine: a rèir àithne an Tighearna nì sibh. Feuch, dh’àithn mise dhuibh.


Uime sin chuir Iosua a‑mach iad; agus dh’fhalbh iad a dhèanamh feall‐fhalaich, agus dh’fhan iad eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar de Ai: ach dh’fhan Iosua an oidhche sin am measg an t‑sluaigh.


Agus nuair a chuala luchd‐àiteachaidh Ghibeoin ciod a rinn Iosua ri Iericho agus ri Ai,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan