Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 8:17 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

17 Agus cha d’fhàgadh duine ann an Ai, no ann am Betel, nach deachaidh a‑mach an dèidh Israeil: agus dh’fhàg iad am baile fosgailte, agus chaidh iad air tòir Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

17 Agus cha d’fhàgadh duine ann an Ai, no ann am Betel, nach deachaidh a‑mach an dèidh Israeil: agus dh’fhàg iad am baile fosgailte, agus chaidh iad air tòir Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 8:17
9 Iomraidhean Croise  

A tha a’ glacadh nan daoine glice nan cuilbheartachd fhèin, air chor is gun tilgear sìos comhairle nan daoine fiara.


Ach cha leigeadh Sihon, rìgh Hesboin, leinn dol tro a fhearann: oir chruadhaich an Tighearna do Dhia a spiorad, agus rinn e a chridhe rag, a‑chum gun tugadh e thairis e dod làimh, mar a chìthear air an là‑an‑diugh.


Oir b’ann on Tighearna a bha e an cridheachan a chruadhachadh a‑chum gun tigeadh iad an aghaidh Israeil ann an cath, a‑chum gun sgriosadh e iad gu tur, agus nach biodh iochd sam bith air a nochdadh dhaibh, ach gun cuireadh e as dhaibh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.


Agus ghairmeadh an sluagh uile a bha ann an Ai an ceann a chèile gu dol air an tòir, agus chaidh iad air tòir Iosua, agus thàirngeadh on bhaile iad.


Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Sìn a‑mach an t‑sleagh a tha ad làimh rathad Ai; oir bheir mise ad làimh e. Agus shìn Iosua a‑mach an t‑sleagh a bha aige na làimh, a dh’ionnsaigh a’ bhaile.


Agus dh’èirich Iosua agus an sluagh‐cogaidh uile, a dhol suas an aghaidh Ai: agus thagh Iosua a‑mach deich‐mìle‐fichead fear treun ann an neart, agus chuir e air falbh iad anns an oidhche.


Agus chaidh clann Bheniàmin a‑mach an aghaidh an t‑sluaigh, agus thàirngeadh air falbh iad on bhaile; agus thòisich iad air cuid den t‑sluagh a bhualadh agus a mharbhadh, mar air uairean eile, anns na rathaidean mòra, de a bheil aon a’ dol suas gu taigh Dhè, agus aon gu Gibeah anns an fhearann, mu thimcheall deich‐fir‐fhichead de Israel.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan