Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 8:12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus ghabh e mu thimcheall còig mìle fear agus chuir e iad a dhèanamh feall‐fhalaich eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar den bhaile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus ghabh e mu thimcheall còig mìle fear agus chuir e iad a dhèanamh feall-fhalaich eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar den bhaile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 8:12
7 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh e as a sin gu sliabh air an taobh an ear de Bhetel, agus shuidhich e a bhùth, agus Betel aige air an taobh an iar, agus Hai air an taobh an ear: agus thog e an sin altair don Tighearna, agus ghairm e air ainm an Tighearna.


Agus thug e Betel mar ainm air an àite sin: ach b’e Luds ainm a’ bhaile sin air tùs.


Agus chaidh an sluagh‐cogaidh uile suas, a bha maille ris, agus chaidh iad am fagas, agus thàinig iad fa chomhair a’ bhaile, agus champaich iad air an taobh mu thuath de Ai: a‑nis bha gleann eadar iad agus Ai.


Agus nuair a shuidhich iad an sluagh, eadhon am feachd uile a bha air an taobh mu thuath den bhaile, agus an luchd feall‐fhalaich air an taobh an iar den bhaile, chaidh Iosua anns an oidhche sin do mheadhon a’ ghlinne.


Agus chaidh taigh Iòseiph mar an ceudna suas an aghaidh Bheteil: agus bha an Tighearna maille riu.


Agus thàinig Saul gu baile le Amalec, agus rinn e feall‐fhalach anns a’ ghleann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan