Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 7:1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Ach rinn clann Israeil cionta anns an nì mhallaichte: oir ghabh Achan mac Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, de threubh Iùdah, cuid den nì mhallaichte: agus las fearg an Tighearna an aghaidh chloinn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Ach rinn clann Israeil cionta anns an nì mhallaichte: oir ghabh Achan mac Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, de threubh Iùdah, cuid den nì mhallaichte: agus las fearg an Tighearna an aghaidh chloinn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 7:1
19 Iomraidhean Croise  

Thàinig mic Iàcoib air na mairbh, agus chreach iad am baile, a chionn gun do thruaill iad am piuthar.


Agus a‑rìs las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh nan aghaidh, ag ràdh, Falbh, gabh àireamh Israeil agus Iùdah.


Agus nuair a thàinig e don dùn, ghabh e as an làimh iad, agus thaisg e ann an taigh iad; agus leig e na daoine air falbh, agus dh’fhalbh iad.


Agus mhì‐thaitinn an nì seo ri Dia; uime sin bhuail e Israel.


Agus thrèig iad taigh an Tighearna, Dia an athraichean, agus rinn iad seirbhis do dhoireachan agus do dhealbhan: agus thàinig fearg air Iùdah agus Ierusalem airson an cionta.


Agus thubhairt mi, O mo Dhia, tha nàire orm agus rudhadh gruaidh m’aghaidh a thogail riutsa, mo Dhia: oir tha ar n‑euceartan air fàs lìonmhor os ar cionn, agus tha ar cionta air èirigh suas gu nèamh.


Faodaidh d’aingidheachd cron a dhèanamh do dhuine mar a tha thusa, agus d’fhìreantachd a bhith tairbheach do mhac an duine.


Is fheàrr gliocas na innealan‐cogaidh: ach millidh aon pheacach mòran maith.


O Thighearna, buinidh fìreantachd dhutsa, ach dhuinne nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh: do mhuinntir Iùdah, agus do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus do Israel uile, am fagas agus am fad as, feadh nan uile dhùthchannan gus an d’fhògair thusa iad airson am peacaidhean a pheacaich iad ann ad aghaidh‐sa.


Agus thubhairt Maois ri Aaron, agus ri Eleàsar, agus ri Itamar, a mhic, Na rùisgibh ur cinn, agus na reubaibh ur n‑aodach, air eagal gum faigh sibh bàs, agus air eagal gun tig fearg air an t‑sluagh uile; ach dèanadh ur bràithrean, taigh Israeil uile, tuireadh airson an losgaidh a las an Tighearna.


Agus thubhairt iad gach aon ra chompanach, Thigibh, agus tilgeamaid croinn, a‑chum gun aithnich sinn cò airson a tha an t‑olc seo air teachd oirnn. Mar sin thilg iad croinn, agus thuit an crannchur air Ionah.


Mar seo tha co‑chruinneachadh an Tighearna uile ag ràdh, Ciod e an cionta seo a rinn sibh an aghaidh Dia Israeil, tilleadh air falbh an‑diugh o leantainn an Tighearna, le altair a thogail dhuibh fhèin, a‑chum ceannairc a dhèanamh an‑diugh an aghaidh an Tighearna?


Ach gun tilleadh sibh air falbh an‑diugh on Tighearna a leantainn? Agus tàrlaidh, do bhrìgh gu bheil sibh a’ dèanamh ceannairc an‑diugh an aghaidh an Tighearna, a‑màireach gun las a fhearg an aghaidh uile cho‐chruinneachadh Israeil.


Nach do rinn Achan mac Sherah cionta anns an nì mhallaichte, agus thuit fearg air uile cho‐chruinneachadh Israel? Agus cha b’e an duine sin na aonar a bhàsaich na chionta.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan