Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 6:7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Gabhaibh air ur n‑aghaidh, agus cuartaichibh am baile, agus gabhadh esan a tha fo airm air aghaidh ro àirc an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Gabhaibh air ur n‑aghaidh, agus cuartaichibh am baile, agus gabhadh esan a tha fo airm air aghaidh ro àirc an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 6:7
5 Iomraidhean Croise  

Fanaidh ur mnathan, ur clann bheag, agus ur sprèidh, anns an tìr a thug Maois dhuibh air an taobh seo de Iòrdan; ach thèid sibh fhèin thairis fo ur n‑airm ro ur bràithrean, sibhse uile a tha treun ann an neart, agus cuidichidh sibh leo;


Chaidh thairis mu thimcheall dà‑fhichead mìle, deas airson cogaidh, an làthair an Tighearna gu cath, do chòmhnardan Iericho.


Agus cuartaichidh sibh am baile, sibhse fheara‑cogaidh uile, agus thèid sibh mu thimcheall a’ bhaile aon uair: mar seo nì thu air sia làithean.


Agus ghairm Iosua mac Nuin air na sagartan, agus thubhairt e riu, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus giùlaineadh seachd sagartan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan ro àirc an Tighearna.


Agus nuair a labhair Iosua ris an t‑sluagh, ghabh na seachd sagartan, a’ giùlan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan, air an aghaidh ron Tighearna, agus shèid iad leis na trompaidean; agus lean àirc coicheangal an Tighearna iad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan