Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 5:6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Oir dh’imich clann Israeil anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don luchd‐cogaidh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a chionn nach tug iad gèill do ghuth an Tighearna: don do mhionnaich an Tighearna nach nochdadh e dhaibh am fearann, a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhuinn, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Oir dh’imich clann Israeil anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don luchd-cogaidh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a chionn nach tug iad gèill do ghuth an Tighearna: don do mhionnaich an Tighearna nach nochdadh e dhaibh am fearann, a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhuinn, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 5:6
20 Iomraidhean Croise  

Chaidh iad air seachran anns an fhàsach, ann an ionad uaigneach; slighe gu baile tàimh cha d’fhuair iad.


Agus thubhairt mi, Bheir mi suas sibh à àmhghar na h‑Èiphit, gu fearann nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.


Agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh à làimh nan Èiphiteach, agus gan toirt suas a‑mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsaing, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; gu àite nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach.


Imich agus glaodh ann an cluasan Ierusaleim, ag ràdh; Mar seo deir an Tighearna, Chuimhnich mise as do leth an coibhneas a nochd mi dhut ann ad òige, gràdh do cheangail‐phòsaidh, nuair a dh’imich thu am dhèidh anns an fhàsach, ann am fearann nach do threabhadh.


Ach fòs thog mi suas mo làmh dhaibh anns an fhàsach, nach tugainn iad don fhearann a thug mi dhaibh, a’ sruthadh le bainne agus le mil, as e glòir nan uile fhearann:


Anns an là anns an do thog mi suas mo làmh air an son gu an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a‑chum fearainn a rannsaich mi a‑mach dhaibh, a’ sruthadh le bainne agus le mil, as e glòir nan uile fhearann;


Agus tàrlaidh anns an là sin gun sil na slèibhtean a‑nuas fìon nuadh, agus sruthaidh na beanntan le bainne; agus sruthaidh uile aibhnichean Iùdah le uisgeachan; agus thig tobar a‑mach o thaigh an Tighearna, agus uisgichidh e gleann Shitim.


Gu cinnteach chan fhaic iadsan am fearann a mhionnaich mi dan athraichean, cha mhò a chì neach air bith dhiubhsan a bhrosnaich mi e:


Is iad sin iadsan a chaidh àireamh le Maois agus Eleàsar an sagart, a rinn clann Israeil àireamh ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho.


Agus anns an dà‑fhicheadamh bliadhna, anns an aon‐mhìos‐deug, air a’ chiad là den mhìos, labhair Maois ri cloinn Israeil, a rèir nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna dha dan taobh;


Agus b’i an ùine anns an tàinig sinn o Chadeis‐barnea, gus an deachaidh sinn thar sruth Shereid, ochd‐bliadhna‑deug ar fhichead; gus an robh ginealach an t‑sluaigh‐chogaidh uile air an caitheamh a‑mach o mheasg an t‑slòigh, mar a mhionnaich an Tighearna dhaibh.


Oir bheannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile obraichean do làimhe: is aithne dha do thriall tron fhàsach mhòr seo; rè an dà‑fhichead bliadhna seo bha an Tighearna do Dhia maille riut, cha robh uireasbhaidh nì sam bith ort.


Cha do chaitheadh d’aodach dhìot le aois, cha mhò a dh’at do chas rè an dà‑fhichead bliadhna seo.


Ionnas gun tug mi mo mhionnan am fheirg, nach tèid iad a‑steach dom shuaimhneas.


Bi làidir, agus ro‑mhisneachail; oir don t‑sluagh seo roinnidh tu mar oighreachd an tìr a mhionnaich mi dan athraichean a thabhairt dhaibh.


Agus nuair a ghlaodh iad ris an Tighearna, chuir e dorchadas eadar sibhse agus na h‑Eiphitich, agus thug e a’ mhuir orrasan, agus dh’fhalaich e iad; agus chunnaic ur sùilean ciod a rinn mi anns an Eiphit: agus ghabh sibh còmhnaidh anns an fhàsach ùine fhada.


A‑nis bha an sluagh uile a thàinig a‑mach air an timcheall‐ghearradh; ach an sluagh uile a rugadh anns an fhàsach air an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑mach as an Eiphit, iadsan cha do thimcheall‐gheàrr iad.


Agus an clann‐san, a thog e suas nan àite, iadsan thimcheall‐gheàrr Iosua: oir bha iad neo‐thimcheall‐gheàrrte, a chionn nach do thimcheall‐ghearradh iad air an t‑slighe.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan