Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 5:4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus is e seo an t‑adhbhar mun do thimcheall‐gheàrr Iosua: Fhuair an sluagh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a bha nam fireannaich, eadhon na fir‐chogaidh uile, bàs anns an fhàsach air an t‑slighe, an dèidh dhaibh teachd a‑mach as an Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus is e seo an t‑adhbhar mun do thimcheall-gheàrr Iosua: Fhuair an sluagh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a bha nam fireannaich, eadhon na fir-chogaidh uile, bàs anns an fhàsach air an t‑slighe, an dèidh dhaibh teachd a‑mach as an Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 5:4
8 Iomraidhean Croise  

Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharraidhean a rinn mi anns an Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi a‑nis na deich uairean seo, agus nach d’èisd rim ghuth;


Ach le mòran dhiubh cha robh Dia toilichte: oir sgriosadh anns an fhàsach iad.


Agus b’i an ùine anns an tàinig sinn o Chadeis‐barnea, gus an deachaidh sinn thar sruth Shereid, ochd‐bliadhna‑deug ar fhichead; gus an robh ginealach an t‑sluaigh‐chogaidh uile air an caitheamh a‑mach o mheasg an t‑slòigh, mar a mhionnaich an Tighearna dhaibh.


Agus thàrladh, nuair a bha na fir‐chogaidh uile air an claoidh, agus air bàsachadh o mheasg an t‑sluaigh,


Agus rinn Iosua dha fhèin sgeanan geura, agus thimcheall‐gheàrr e clann Israeil aig cnoc nan ro‑chraiceann.


A‑nis bha an sluagh uile a thàinig a‑mach air an timcheall‐ghearradh; ach an sluagh uile a rugadh anns an fhàsach air an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑mach as an Eiphit, iadsan cha do thimcheall‐gheàrr iad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan