Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 4:5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus thubhairt Iosua riu, Rachaibh thairis ro àirc an Tighearna ur Dia gu meadhon Iòrdain, agus togadh gach fear dhibh clach air a ghualainn, a rèir àireamh treubhan chloinn Israeil;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus thubhairt Iosua riu, Rachaibh thairis ro àirc an Tighearna ur Dia gu meadhon Iòrdain, agus togadh gach fear dhibh clach air a ghualainn, a rèir àireamh treubhan chloinn Israeil;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 4:5
7 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iàcob ra bhràithrean, Cruinnichibh clachan: agus ghabh iad clachan, agus rinn iad càrn, agus dh’ith iad an sin air a’ chàrn.


Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh‐dheug a rèir dà‑threubh‐dheug Israeil.


Agus tàrlaidh, air an là anns an tèid sibh thar Iòrdan don fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut, gun cuir thu suas dhut fhèin clachan mòra, agus còmhdaichidh tu thairis le aol iad.


Eisd, O Israeil: tha thu gu gabhail thar Iòrdan an‑diugh, gu dol a‑steach a shealbhachadh chinneach as mò agus as treasa na thu fhèin, bailtean mòra agus daingnichte suas gu nèamh;


Agus nuair a thàinig iad gu crìochan Iòrdain, a tha ann an tìr Chanàain, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth‐threubh Mhanaseh altair an sin làimh ri Iòrdan, altair mhòr ri amharc oirre.


An sin ghairm Iosua air an dà‑fhear‐dheug, a dheasaich e à cloinn Israeil, fear as gach treubh.


A‑chum gum bi seo na chomharradh nur measg, a‑chum nuair a dh’fhiosraicheas ur clann anns an àm ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall dhuibh leis na clachan seo?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan