Iosua 24:7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19927 Agus nuair a ghlaodh iad ris an Tighearna, chuir e dorchadas eadar sibhse agus na h‑Eiphitich, agus thug e a’ mhuir orrasan, agus dh’fhalaich e iad; agus chunnaic ur sùilean ciod a rinn mi anns an Eiphit: agus ghabh sibh còmhnaidh anns an fhàsach ùine fhada. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19927 Agus nuair a ghlaodh iad ris an Tighearna, chuir e dorchadas eadar sibhse agus na h‑Eiphitich, agus thug e a’ mhuir orrasan, agus dh’fhalaich e iad; agus chunnaic ur sùilean ciod a rinn mi anns an Eiphit: agus ghabh sibh còmhnaidh anns an fhàsach ùine fhada. Faic an caibideil |
No an d’fheuch Dia ri dol gu cinneach a ghabhail dha fhèin, o mheasg cinnich eile, le deuchainnean, le comharraidhean, agus le iongantasan, agus le cogadh, agus le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhasan mòra, a rèir nan uile nithean a rinn an Tighearna ur Dia air ur son anns an Eiphit fa chomhair ur sùl?
Oir dh’imich clann Israeil anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don luchd‐cogaidh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a chionn nach tug iad gèill do ghuth an Tighearna: don do mhionnaich an Tighearna nach nochdadh e dhaibh am fearann, a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhuinn, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.