Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 24:26 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

26 Agus sgrìobh Iosua na briathran seo ann an leabhar lagh Dhè, agus ghabh e clach mhòr, agus chuir e suas i an sin fo dharaig, a bha làimh ri ionad naomh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

26 Agus sgrìobh Iosua na briathran seo ann an leabhar lagh Dhè, agus ghabh e clach mhòr, agus chuir e suas i an sin fo dharaig, a bha làimh ri ionad naomh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 24:26
10 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Iàcob clach, agus chuir e suas i mar charragh.


Agus thug iad do Iàcob na diathan coimheach uile a bha nan làimh, agus an cluas‐fhàinnean a bha nan cluasan; agus dh’fhalaich Iàcob iad fon daraig a bha làimh ri Sechem.


Ach fhuair Deborah, banaltram Rebecah, bàs, agus dh’adhlaiceadh i fo Bhetel, fo dharaig: agus thugadh Alon‐bacut mar ainm air.


Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh‐dheug a rèir dà‑threubh‐dheug Israeil.


Agus chruinnich maithean Shecheim uile ri chèile, agus taigh Mhilo uile, agus chaidh iad agus rinn iad Abimelech na rìgh, làimh ri còmhnard a’ charraigh a bha ann an Sechem.


An sin ghabh Samuel clach, agus shuidhich e i eadar Mispeh agus Sen; agus thug e Eben‐eser mar ainm oirre, agus thubhairt e, Gu ruige seo chuidich an Tighearna leinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan