Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 23:16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Nuair a bhriseas sibh coicheangal an Tighearna ur Dia, a dh’àithn e dhuibh, agus a thèid sibh, agus a nì sibh seirbhis do dhiathan eile, agus a chromas sibh sibh fhèin dhaibh, an sin lasaidh fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus thèid as dhuibh gu grad bhàrr an fhearainn mhaith a thug e dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Nuair a bhriseas sibh coicheangal an Tighearna ur Dia, a dh’àithn e dhuibh, agus a thèid sibh, agus a nì sibh seirbhis do dhiathan eile, agus a chromas sibh sibh fhèin dhaibh, an sin lasaidh fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus thèid as dhuibh gu grad bhàrr an fhearainn mhaith a thug e dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 23:16
16 Iomraidhean Croise  

Agus buailidh an Tighearna Israel, mar a ghluaisear cuilc anns an uisge, agus spìonaidh e Israel as an fhearann mhath seo, a thug e dan athraichean, agus sgapaidh e iad air an taobh thall den abhainn; a chionn gun do rinn iad an doireachan, a’ cur feirge air an Tighearna.


Ach ma thionndaidheas sibh da‑rìribh om leantainn‐sa, sibh fhèin agus ur clann, agus nach glèidh sibh m’àitheantan agus mo reachdan a chuir mi romhaibh, ach gum falbh sibh agus gun dèan sibh seirbhis do dhiathan eile, agus gun sleuchd sibh dhaibh;


An sin gearraidh mise Israel as bhàrr aghaidh an fhearainn a thug mi dhaibh: agus an taigh seo a naomhaich mi dom ainm fhèin, tilgidh mi as mo shealladh, agus bidh Israel na ghnàth‐fhacal agus na leth‐fhacal am measg nan uile shluagh:


Oir thàrladh gun do pheacaich clann Israeil an aghaidh an Tighearna an Dia, a thug a‑nìos iad à tìr na h‑Eiphit, o bhith fo làimh Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus bha eagal dhiathan eile orra,


Oir tro chorraich an Tighearna bha e mar sin ann an Ierusalem agus ann an Iùdah, gus an do thilg e as a làthair iad: agus rinn Sedeciah ceannairc an aghaidh rìgh Bhàbiloin.


Tha an tìr eadhon air a truailleadh fo a luchd‐àiteachaidh; oir bhris iad an reachd, dh’atharraich iad an t‑òrdagh; sgaoil iad an coicheangal sìorraidh.


Agus thàinig iad a‑steach, agus shealbhaich iad e; ach cha tug iad gèill dod ghuth‐sa, cha mhò a ghluais iad ann ad reachd; cha do rinn iad nì sam bith de na h‑uile nithean a dh’àithn thusa dhaibh a dhèanamh; uime sin thug thu an t‑olc seo uile orra.


Feuch na h‑innealan‐brisidh, tha iad air teachd a‑chum na cathrach gus a glacadh, agus tha a’ chathair gus a toirt do làimh nan Caldèanach a tha a’ cogadh na h‑aghaidh, airson a’ chlaidheimh, agus na gorta, agus na plàighe; agus an nì a labhair thu, thàinig e gu crìch; agus, feuch, tha thusa ga fhaicinn.


Os bàrr tàrlaidh, mar a smaoinich mi a dhèanamh riùsan, gun dèan mi ribhse.


Agus gun deachaidh e agus gun do rinn e seirbhis do dhiathan eile, agus gun do rinn e adhradh dhaibh, aon chuid don ghrèin, no don ghealaich, no do uile armailt nèimh, nach d’àithn mise;


Ach tàrlaidh, mura èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a thoirt fa‑near gun dèan thu a àitheantan agus a reachdan uile, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, gun tig na mallachdan seo uile ort, agus gum beir iad ort.


(Oir tha an Tighearna do Dhia na Dhia eudmhor nur measg;) air eagal gun las fearg an Tighearna do Dhia ad aghaidh, agus gun sgrios e thu o aghaidh na talmhainn.


Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean a chreach iad, agus reic e iad do làimh an naimhdean mun cuairt, air chor is nach b’urrainn iad na b’fhaide seasamh an làthair an naimhdean.


Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil; agus thubhairt e, A chionn gun do bhris an sluagh seo mo choicheangal a dh’àithn mi dan athraichean, agus nach d’èisd iad rim ghuth,


Ach ma bhuanaicheas sibh ann an droch dhèanadas, sgriosar araon sibh fhèin agus ur rìgh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan