Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 23:12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 No ma thèid sibh air chor sam bith air ur n‑ais, agus ma leanas sibh ri fuidheall nan cinneach sin, eadhon na cinnich sin a mhaireas nur measg, agus ma nì sibh cleamhnas riu, agus ma thèid sibh a‑steach dan ionnsaigh, agus iadsan dur n‑ionnsaigh‐se:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 No ma thèid sibh air chor sam bith air ur n‑ais, agus ma leanas sibh ri fuidheall nan cinneach sin, eadhon na cinnich sin a mhaireas nur measg, agus ma nì sibh cleamhnas riu, agus ma thèid sibh a‑steach dan ionnsaigh, agus iadsan dur n‑ionnsaigh-se:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 23:12
28 Iomraidhean Croise  

Air an adhbhar sin fàgaidh fear a athair agus a mhàthair, agus dlùth‐leanaidh e ra mhnaoi: agus bidh iad nan aon fheòil.


Agus dhlùth‐lean a anam ri Dinah nighean Iàcoib, agus ghràdhaich e a’ ghruagach, agus labhair e gu caomh ris a’ ghruagaich.


De na cinnich mun dubhairt an Tighearna ri cloinn Israeil, Cha tèid sibhse a‑steach dan ionnsaigh‐san, cha mhò a thig iadsan a‑steach dur n‑ionnsaigh‐se; oir gu deimhinn bheir iad air ur cridhe claonadh an dèidh an diathan: riu seo dhlùth‐lean Solamh ann an gaol.


Oir thachair, ann an àm seann aois Sholaimh, gun do chlaon a mhnathan a chridhe an dèidh dhiathan eile: agus cha robh a chridhe iomlan leis an Tighearna a Dhia, mar a bha cridhe Dhaibhidh a athair.


Ach iadsan a thèid a thaobh dan slighean claona, iomainidh an Tighearna a‑mach le luchd‐dèanamh an uilc. Sìth gu robh air Israel!


Is euceart agus cealg briathran a bheòil; leig e dheth a bhith glic, math a dhèanamh.


Ah, cinneach peacach! Sluagh luchdaichte le aingidheachd! Sìol nan daoi! Clann a tha nam milltearan! Thrèig iad an Tighearna, bhrosnaich iad Tì naomh Israeil gu feirg, dh’fhalbh iad air an ais.


Ach nuair a thilleas am fìrean air falbh o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh aingidheachd, a’ dèanamh a rèir nan uile ghràinealachdan a nì an t‑aingidh, am mair e beò? Air uile fhìreantachd a rinn e cha bhi iomradh: na chionta a chiontaich e, agus na pheacadh a pheacaich e, anntasan gheibh e bàs.


Agus iadsan a thill air an ais on Tighearna; agus iadsan nach d’iarr an Tighearna, agus nach d’fhiosraich dheth.


Imichidh e an sin, agus bheir e leis seachd spioradan eile as miosa na e fhèin, agus thèid iad a‑steach agus gabhaidh iad còmhnaidh an sin: agus bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid. Is ann eadhon mar sin a thachras don ghinealach aingidh seo.


On àm sin chaidh mòran de a dheisciobail air an ais, agus cha d’imich iad nas mò maille ris.


Biodh ur gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh den olc; dlùth‐leanaibh ris an nì a tha math.


(Oir tha an Tighearna do Dhia na Dhia eudmhor nur measg;) air eagal gun las fearg an Tighearna do Dhia ad aghaidh, agus gun sgrios e thu o aghaidh na talmhainn.


Cha mhò a nì thu cleamhnas riu; do nighean cha toir thu da mhac‐san, cha mhò a ghabhas tu a nighean‐san dod mhac‐sa.


Oir tionndaidhidh iad do mhac o mise a leantainn, a‑chum gun dèan iad seirbhis do dhiathan eile: mar sin lasaidh fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus sgriosaidh e thu gu h‑obann.


Thugaibh, uime sin, aire mhath dhuibh fhèin, gun gràdhaich sibh an Tighearna ur Dia.


An tì a their gu bheil e anns an t‑solas, agus a tha a’ fuathachadh a bhràthar, tha e anns an dorchadas gus a‑nis.


An sin thubhairt a athair agus a mhàthair ris, Nach eil bean air bith am measg nigheanan do bhràithrean, no am measg mo shluaigh uile, gun rachadh tu a ghabhail mnà de na Philistich neo‐thimcheall‐gheàrrte? Agus thubhairt Samson ra athair, Faigh dhomh i; oir tha i taitneach am shùilean.


Agus ghabh iad an nigheanan gu bhith nam mnathan aca, agus thug iad an nigheanan fhèin dam mic‐san; agus rinn iad seirbhis dan diathan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan