Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 22:25 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

25 Oir rinn an Tighearna Iòrdan na crìch eadar sinne agus sibhse, a chlann Reubein, agus a chlann Ghad; chan eil agaibhse cuibhreann air bith anns an Tighearna: mar seo bheir ur clann‐se air ar cloinn‐ne sgur de eagal an Tighearna a bhith orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

25 Oir rinn an Tighearna Iòrdan na crìch eadar sinne agus sibhse, a chlann Reubein, agus a chlann Ghad; chan eil agaibhse cuibhreann air bith anns an Tighearna: mar seo bheir ur clann-se air ar cloinn-ne sgur de eagal an Tighearna a bhith orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 22:25
13 Iomraidhean Croise  

Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil.


Agus nuair a chunnaic Israel uile nach d’èisd an rìgh riu, fhreagair an sluagh an rìgh, ag ràdh, Ciod a’ chuibhreann a tha againne ann an Daibhidh? Agus chan eil oighreachd againne ann am mac Iese: dod bhùthan, O Israeil; a‑nis amhairc air do thaigh fhèin, a Dhaibhidh. Agus dh’fhalbh Israel dam bùthan.


Agus bheir e thairis Israel, airson peacaidhean Ierobòaim, a pheacaich, agus a thug air Israel peacachadh.


Airson peacaidhean Ierobòaim a pheacaich e agus leis an tug e air Israel peacachadh; airson a’ bhrosnachaidh leis an do bhrosnaich e an Tighearna Dia Israeil gu feirg.


An sin fhreagair mi iad, agus thubhairt mi riu, Dia nan nèamh, soirbhichidh esan leinn: a chionn gur sinne a sheirbhisich, èiridh sinn agus togaidh sinn: ach agaibhse chan eil cuibhreann, no còir, no cuimhneachan ann an Ierusalem.


Is e an Tighearna cuibhreann m’oighreachd agus mo chupain; is tusa a chumas suas mo chrannchur.


Chan eil agad cuid no crannchur anns a’ chùis seo: oir chan eil do chridhe dìreach ann am fianais Dhè.


Agus mura ann air eagal an nì seo a rinn sinn e, ag ràdh, Anns an àm ri teachd dh’fhaodadh ur clann‐se labhairt ri ar cloinn‐ne, ag ràdh, Ciod ur gnothach‐se ris an Tighearna Dia Israeil?


Uime sin thubhairt sinn, Gabhamaid a‑nis mu altair a thogail dhuinn fhèin, chan ann airson tabhartais‐loisgte, no airson ìobairt;


Ach a‑chum gum bi i na fianais eadar sinne agus sibhse, agus ar sliochd nar dèidh, a‑chum gun dèan sinn seirbhis an Tighearna na làthair le ar tabhartasan‐loisgte, agus le ar n‑ìobairtean, agus le ar tabhartasan‐sìth, a‑chum nach abair ur clann‐se ri ar cloinn‐ne anns an àm ri teachd, Chan eil cuibhreann agaibh anns an Tighearna.


A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan