Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 22:23 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

23 A thog sinne dhuinn fhèin altair, gu tilleadh air falbh on Tighearna a leantainn, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairt‐loisgte, no tabhartais‐bìdh, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairtean thabhartas‐sìth, an sin agradh an Tighearna fhèin e;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

23 A thog sinne dhuinn fhèin altair, gu tilleadh air falbh on Tighearna a leantainn, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairt-loisgte, no tabhartais-bìdh, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairtean thabhartas-sìth, an sin agradh an Tighearna fhèin e;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 22:23
10 Iomraidhean Croise  

Ach feòil maille ra beatha, eadhon a fuil, chan ith sibh.


Oir cha do chuimhnich Iòas an rìgh an coibhneas a rinn Iehoiada a athair ris, ach mharbh e a mhac: agus nuair a bha esan a’ faghail a’ bhàis, thubhairt e, Chì an Tighearna, agus agraidh e.


Nuair a their mise ris an aingidh, Gheibh thu gu cinnteach bàs; agus nach toir thusa rabhadh dha, agus nach labhair thu a thoirt rabhaidh don chiontach o a dhroch shlighe, a‑chum a anam a thèarnadh; bàsaichidh an droch dhuine sin na aingidheachd, ach iarraidh mise a fhuil air do làimh‐sa.


Ach ma chì am fear‐faire an claidheamh a’ teachd, agus nach sèid e an trompaid, agus nach faigh an sluagh rabhadh ma thig an claidheamh, agus gun toir e aon neach air falbh uapa, tha e air a thoirt air falbh na aingidheachd: ach iarraidh mise a fhuil air làimh an fhir‐fhaire.


Nuair a their mise ris an aingidh, O dhuine aingidh, gheibh thu gu deimhinn bàs; mura labhair thusa a‑chum an t‑aingidh a thoirmeasg o a shlighe, gheibh an duine aingidh sin bàs na aingidheachd: ach air do làimh‐sa iarraidh mise a fhuil.


An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan‐loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan‐togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.


Agus tàrlaidh, an duine nach èisd rim bhriathran‐sa a labhras e am ainm, iarraidh mi uaithe e:


Agus mura ann air eagal an nì seo a rinn sinn e, ag ràdh, Anns an àm ri teachd dh’fhaodadh ur clann‐se labhairt ri ar cloinn‐ne, ag ràdh, Ciod ur gnothach‐se ris an Tighearna Dia Israeil?


Mar sin rinn Ionatan coicheangal ri taigh Dhaibhidh, ag ràdh, Gun agradh an Tighearna e eadhon o làimh naimhdean Dhaibhidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan