Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 22:12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus nuair a chuala clann Israeil seo, chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile iad fhèin an ceann a chèile aig Siloh, gu dol suas a chogadh nan aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus nuair a chuala clann Israeil seo, chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile iad fhèin an ceann a chèile aig Siloh, gu dol suas a chogadh nan aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 22:12
9 Iomraidhean Croise  

Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhaibh, gu bheil eud aca a‑thaobh Dhè, ach chan ann a rèir eòlais.


Gu cinnteach buailidh tu luchd‐àiteachaidh a’ bhaile sin le faobhar a’ chlaidheimh, ga sgrios gu tur, agus gach nì a tha ann, agus a sprèidh, le faobhar a’ chlaidheimh.


Agus chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile aig Siloh, agus chuir iad suas pàillean a’ choitheanail an sin, agus cheannsaicheadh an tìr romhpa.


Agus chuir clann Israeil a dh’ionnsaigh cloinn Reubein, agus a dh’ionnsaigh cloinn Ghad, agus gu leth‐threubh Mhanaseh, do thìr Ghilead, Phinehas mac Eleàsair an sagart;


Agus thàinig iad gu cloinn Reubein, agus gu cloinn Ghad, agus gu leth‐threubh Mhanaseh, gu tìr Ghilead, agus labhair iad riu, ag ràdh,


Agus thill Phinehas mac Eleàsair an sagart, agus na ceannardan, o chloinn Reubein, agus o chloinn Ghad, à tìr Ghilead gu tìr Chanàain, gu cloinn Israeil, agus thug iad fios dan ionnsaigh a‑rìs.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan