Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 21:13 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Mar seo thug iad do chloinn Aaroin, an sagart, Hebron maille ra fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche, agus Libnah le a fhearann co‑roinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Mar seo thug iad do chloinn Aaroin, an sagart, Hebron maille ra fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche, agus Libnah le a fhearann co‑roinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 21:13
9 Iomraidhean Croise  

Gidheadh dh’èirich Edom o bhith fo làimh Iùdah gus an là‑an‑diugh: agus dh’èirich Libnah anns an àm cheudna.


Mar sin thill Rab‐saceh, agus fhuair e rìgh Asiria a’ cogadh an aghaidh Libnah; oir chuala e gun d’fhalbh e o Lachis.


Agus am measg nam bailtean a bheir sibh do na Lèbhithich bidh sia bailtean a‑chum dìdein, a dh’òrdaicheas sibh air a shon‐san a mharbhas duine, a‑chum is gun teich e an sin: agus riùsan cuiridh sibh dà bhaile is dà‑fhichead.


An sin chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Mhacedah gu Libnah, agus chog e an aghaidh Libnah.


Libnah, agus Eter, agus Asan,


Agus Humtah, agus Ciriat‐arbah (is e sin Hebron), agus Sior; naoi bailtean mòra lem bailtean beaga.


Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat‐arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.


Ach fearann a’ mhòr‐bhaile, agus a bhailtean beaga, thug iad do Chàleb mac Iephuneh mar a sheilbh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan