Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 2:18 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Feuch, nuair a thig sinn don tìr, ceanglaidh tu an stìom seo de shnàth sgàrlaid anns an uinneig tron do leig thu sìos sinn: agus bheir thu d’athair, agus do mhàthair, agus do bhràithrean, agus teaghlach d’athar uile, dhachaigh ad ionnsaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Feuch, nuair a thig sinn don tìr, ceanglaidh tu an stìom seo de shnàth sgàrlaid anns an uinneig tron do leig thu sìos sinn: agus bheir thu d’athair, agus do mhàthair, agus do bhràithrean, agus teaghlach d’athar uile, dhachaigh ad ionnsaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 2:18
19 Iomraidhean Croise  

Agus nì mi thu ad chinneach mòr, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi d’ainm mòr: agus bidh tu ad bheannachadh.


Agus thubhairt an Tighearna ri Nòah, Rach thusa agus do thaigh uile a‑steach don àirc; oir thusa chunnaic mi cothromach am fhianais anns a’ ghinealach seo.


Oir cionnas as urrainn mi amharc air an olc a thig air mo shluagh? Agus cionnas as urrainn mi amharc air sgrios mo luchd‐dàimh?


Agus bidh an fhuil dhuibh mar chomharradh air na taighean anns a bheil sibh; agus nuair a chì mise an fhuil, thèid mi thairis oirbh, agus cha bhi a’ phlàigh oirbh a‑chum ur milleadh nuair a bhuaileas mi tìr na h‑Èiphit.


Mar shnàthainn dearg air a dhath dà uair tha do bhilean, agus tha do chainnt binn: mar mhìr de phomgranat tha do chamagan am meadhon do chiabh.


An sin àithnidh an sagart gun gabhar air a shon‐san a tha gu bhith air a ghlanadh, dà eun bheò ghlan, agus fiodh seudair, agus sgàrlaid, agus hiosop.


Agus gabhaidh an sagart fiodh seudair, agus hiosop, agus sgàrlaid, agus tilgidh e sin am meadhon losgadh an aighe.


Agus sgaoilidh iad orra aodach sgàrlaid, agus còmhdaichidh iad sin le còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad a bhataichean ann.


Agus thubhairt Iosa ris, Thàinig slàinte an‑diugh a dh’ionnsaigh an taighe seo, do bhrìgh gur mac do Abrahàm esan mar an ceudna.


Agus a’ còmhradh ris, chaidh e a‑steach, agus fhuair e mòran cruinn.


Uime sin chuir mi air ball fios ort; agus is math a rinn thu teachd. Air an adhbhar sin tha sinne uile an seo an làthair ann am fianais Dhè, a dh’èisdeachd nan uile nithean a tha air an àithneadh dhutsa le Dia.


Neach a labhras briathran riut, leis an tèarnar thu fhèin agus do thaigh uile.


Gun tugadh an Tighearna tròcair do theaghlach Onesiphoruis; oir is minig a thug e sòlas dhòmhsa, agus cha do ghabh e nàire dem shlabhraidh:


Oir nuair a labhradh gach uile àithne a rèir an lagha ris an t‑sluagh uile le Maois, air dha fuil laogh agus ghobhar a ghabhail, maille ri uisge, agus olainn sgàrlaid, agus hiosop, chrath e iad araon air an leabhar agus air an t‑sluagh uile,


Agus thubhairt ise, A rèir ur briathran mar sin biodh e. Agus chuir i air falbh iad, agus dh’imich iad: agus cheangail i an stìom sgàrlaid anns an uinneig.


Agus chaidh na h‑òganaich a bha nan luchd‐rannsachaidh a‑steach, agus thug iad a‑mach Rahab, agus a h‑athair, agus a màthair, agus a bràithrean, agus gach nì a bha aice; agus thug iad a‑mach a dìlsean uile, agus chuir iad an taobh a‑muigh de champ Israeil iad.


Agus ghlèidh Iosua Rahab an strìopach beò, agus teaghlach a h‑athar, agus gach nì a bha aice: agus tha i na còmhnaidh ann an Israel gus an là‑an‑diugh, a chionn gun d’fhalaich i na teachdairean a chuir Iosua a rannsachadh a‑mach Iericho.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan