Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 19:10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus thàinig an treas crannchur a‑mach airson chloinn Shebuluin, a rèir an teaghlaichean: agus bha crìoch an oighreachd‐san gu Sarid.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus thàinig an treas crannchur a‑mach airson chloinn Shebuluin, a rèir an teaghlaichean: agus bha crìoch an oighreachd-san gu Sarid.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 19:10
8 Iomraidhean Croise  

Mic Lèah: Reuben ciad‐ghin Iàcoib, agus Simeon, agus Lèbhi, agus Iùdah, agus Isachar, agus Sebulun;


Gabhaidh Sebulun còmhnaidh aig caladh a’ chuain, agus bidh e airson caladh long; agus bidh a oirthir gu ruig Sìdon.


Agus làimh ri crìch Isachair, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Sebulun.


Agus thàinig crannchur treubh chloinn Bheniàmin a‑mach a rèir an teaghlaichean: agus chaidh crìoch an crannchuir a‑mach eadar clann Iùdah agus clann Iòseiph.


Uime sin tàirngidh sibh am fearann na sheachd earrannan, agus bheir sibh an tarraing an seo am ionnsaigh‐sa, a‑chum gun tilg mi croinn air ur son an seo an làthair an Tighearna ar Dia.


Agus chaidh an crìoch suas a dh’ionnsaigh na fairge, agus Maralah, agus ràinig i gu Dabaset, agus ràinig i gu ruig an sruth a tha fa chomhair Iocneaim;


A‑mach à crannchur chloinn Iùdah bha oighreachd chloinn Shimeoin: oir bha cuibhreann chloinn Iùdah ro‑mhòr dhaibh; uime sin bha aig cloinn Shimeoin an oighreachd ann am meadhon an oighreachd‐san.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan