Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 18:8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus dh’èirich na daoine, agus dh’fhalbh iad: agus dh’àithn Iosua dhaibhsan a chaidh a tharraing an fhearainn, ag ràdh, Imichibh, agus rachaibh tron fhearann, agus tàirngibh e, agus thigibh a‑rìs am ionnsaigh‐sa, a‑chum gun tilg mi an seo croinn air ur son, an làthair an Tighearna ann an Siloh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus dh’èirich na daoine, agus dh’fhalbh iad: agus dh’àithn Iosua dhaibhsan a chaidh a tharraing an fhearainn, ag ràdh, Imichibh, agus rachaibh tron fhearann, agus tàirngibh e, agus thigibh a‑rìs am ionnsaigh-sa, a‑chum gun tilg mi an seo croinn air ur son, an làthair an Tighearna ann an Siloh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 18:8
13 Iomraidhean Croise  

Eirich, imich air feadh an fhearainn, na fhad agus na leud; oir dhutsa bheir mi e.


Agus thilg e an crannchur air an son, agus roinn a làmh dhaibh e le sreing; sealbhaichidh iad e gu sìorraidh: o àl gu àl gabhaidh iad còmhnaidh ann.


Uime sin leanamaid na nithean a bhios a‑chum sìthe agus na nithean a bhios a‑chum togail suas a chèile.


A‑nis uime sin, roinn am fearann seo mar oighreachd do na naoi treubhan, agus do leth‐threubh Mhanaseh;


B’e seo uime sin crannchur treubh chloinn Iùdah a rèir an teaghlaichean, eadhon gu crìch Edoim, gu fàsach Shin ri deas on chuid as fhaide a‑mach den iomall dheas.


Agus chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile aig Siloh, agus chuir iad suas pàillean a’ choitheanail an sin, agus cheannsaicheadh an tìr romhpa.


Agus thilg Iosua croinn air an son ann an Siloh, an làthair an Tighearna: agus an sin roinn Iosua am fearann do chloinn Israeil, a rèir an roinnean.


Uime sin tàirngidh sibh am fearann na sheachd earrannan, agus bheir sibh an tarraing an seo am ionnsaigh‐sa, a‑chum gun tilg mi croinn air ur son an seo an làthair an Tighearna ar Dia.


Agus dh’imich na daoine, agus chaidh iad tron fhearann, agus tharraing iad e a rèir a bhailtean na sheachd earrannan, ann an leabhar, agus thàinig iad gu Iosua don champ aig Siloh.


Uime sin thubhairt Saul ris an Tighearna Dia Israeil, Thoir seachad crannchur cothromach. Agus ghabhadh Saul agus Ionatan; ach chaidh an sluagh as.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan