Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 18:4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Thugaibh a‑mach dhòmhsa as ur measg triùir dhaoine as gach treubh; agus cuiridh mi uam iad, agus èiridh iad, agus thèid iad tron fhearann, agus tàirngidh iad e a rèir an oighreachd‐san, agus thig iad am ionnsaigh‐sa a‑rìs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Thugaibh a‑mach dhòmhsa as ur measg triùir dhaoine as gach treubh; agus cuiridh mi uam iad, agus èiridh iad, agus thèid iad tron fhearann, agus tàirngidh iad e a rèir an oighreachd-san, agus thig iad am ionnsaigh-sa a‑rìs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 18:4
9 Iomraidhean Croise  

Gu dearbh cha bhi aon neach agad a shìneas a‑mach sreang le crannchur ann an coitheanal an Tighearna.


Agus maille ribhse bidh duine de gach uile threubh: gach aon dhiubh na cheann‐taighe a athraichean.


Cuir daoine uat, a‑chum is gun rannsaich iad tìr Chanàain, a bheir mise do chloinn Israeil; as gach uile threubh den athraichean cuiridh sibh duine, gach aon dhiubh na cheannard nam measg.


Agus thubhairt Iosua ri cloinn Israeil, Cia fhad a tha sibh mall a dhol a shealbhachadh an fhearainn, a thug an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, dhuibh?


Agus roinnidh iad e na sheachd earrannan: fanaidh Iùdah na chrìch fhèin air an taobh mu dheas, agus fanaidh taigh Iòseiph na chrìch fhèin air an taobh mu thuath.


Uime sin tàirngidh sibh am fearann na sheachd earrannan, agus bheir sibh an tarraing an seo am ionnsaigh‐sa, a‑chum gun tilg mi croinn air ur son an seo an làthair an Tighearna ar Dia.


Agus dh’imich na daoine, agus chaidh iad tron fhearann, agus tharraing iad e a rèir a bhailtean na sheachd earrannan, ann an leabhar, agus thàinig iad gu Iosua don champ aig Siloh.


A‑nis uime sin gabhaibh dà‑fhear‐dheug à treubhan Israeil, fear as gach treubh.


Gabhaibh dhuibh fhèin dà‑fhear‐dheug as an t‑sluagh, duine as gach treubh:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan