Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 18:3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus thubhairt Iosua ri cloinn Israeil, Cia fhad a tha sibh mall a dhol a shealbhachadh an fhearainn, a thug an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, dhuibh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus thubhairt Iosua ri cloinn Israeil, Cia fhad a tha sibh mall a dhol a shealbhachadh an fhearainn, a thug an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, dhuibh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 18:3
15 Iomraidhean Croise  

Nì làmh na leisge bochd; ach nì làmh nan dìcheallach beartach.


Miannaichidh anam an leisgein, agus cha bhi aige; ach nìthear anam nan dìcheallach sultmhor.


Tha slighe an leisgein mar ghàrradh droighinn; ach tha rathad nan ionraic air a dhèanamh rèidh.


Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.


Anns an là sin theirear ri Ierusalem, Na biodh eagal ort; agus ri Sion, Na biodh do làmhan lag.


Agus nuair a chaidh e a‑mach mu thimcheall na h‑aon‐uaire‐deug, fhuair e dream eile nan seasamh dìomhanach, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh nur seasamh an seo feadh an là dìomhanach?


Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.


Bi làidir, agus ro‑mhisneachail; oir don t‑sluagh seo roinnidh tu mar oighreachd an tìr a mhionnaich mi dan athraichean a thabhairt dhaibh.


A‑nis bha Iosua sean agus air teachd air aghaidh ann am bliadhnachan; agus thubhairt an Tighearna ris, Tha thusa sean agus air teachd air d’aghaidh ann am bliadhnachan, agus tha fhathast ro‑mhòran fearainn ra shealbhachadh.


Agus bha fhathast am measg chloinn Israeil seachd treubhan nach d’fhuair an oighreachd.


Thugaibh a‑mach dhòmhsa as ur measg triùir dhaoine as gach treubh; agus cuiridh mi uam iad, agus èiridh iad, agus thèid iad tron fhearann, agus tàirngidh iad e a rèir an oighreachd‐san, agus thig iad am ionnsaigh‐sa a‑rìs.


Agus thubhairt iad, Eiribh agus rachamaid suas nan aghaidh; oir chunnaic sinne an tìr, agus, feuch, tha i ro‑mhath; agus a bheil sibhse nur tàmh? Na bithibh leisg gu imeachd, agus gu dol a‑steach a shealbhachadh na tìre.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan