Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 18:1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile aig Siloh, agus chuir iad suas pàillean a’ choitheanail an sin, agus cheannsaicheadh an tìr romhpa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile aig Siloh, agus chuir iad suas pàillean a’ choitheanail an sin, agus cheannsaicheadh an tìr romhpa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 18:1
26 Iomraidhean Croise  

Oir cha do ghabh mise còmhnaidh ann an taigh on là anns an tug mi a‑nìos clann Israeil as an Eiphit, eadhon gus an là‑an‑diugh, ach bha mi ag imeachd ann am bùth agus ann am pàillean.


Agus thubhairt Ierobòam ra mhnaoi, Eirich a‑nis, agus cuir thu fhèin ann an coslas eile, air chor is nach aithnich iad gur tu bean Ierobòaim; agus imich do Shiloh: feuch, an sin tha Ahiah am fàidh, a dh’innis dhòmhsa gum bithinn am rìgh air an t‑sluagh seo.


Agus rinn bean Ierobòaim mar sin, agus dh’èirich i, agus chaidh i do Shiloh, agus thàinig i gu taigh Ahiah: ach cha b’urrainn Ahiah nì fhaicinn, oir dhorchaicheadh a shùilean le aois.


Mar seo thilg Solamh a‑mach Abiatar o bhith na shagart don Tighearna, a choileanadh facal an Tighearna, a labhair e a‑thaobh taigh Eli ann an Siloh.


Agus chaidh an clann a‑steach, agus shealbhaich iad an tìr, agus chìosnaich thu romhpa luchd‐àiteachaidh na tìre, na Canàanaich, agus thug thu thairis nan làimh iad fhèin agus an rìghrean, agus sluagh na tìre, a dhèanamh riu mar a bu mhiann leo.


Agus thrèig e pàillean Shiloh, am bùth a shuidhich e am measg dhaoine;


Agus bhuail e a naimhdean nan deireadh; thug e masladh bithbhuan dhaibh.


An sin nì mise an taigh seo cosmhail ri Siloh, agus nì mi a’ chathair seo na mallachadh do uile chinnich na talmhainn.


Carson a rinn thu fàistneachd ann an ainm an Tighearna, ag ràdh, Bidh an taigh seo cosmhail ri Siloh, agus cuirear a’ chathair seo fàs gun aon ga h‑àiteachadh? Agus chruinnicheadh an sluagh air fad an aghaidh Ieremiah ann an taigh an Tighearna.


Gun tàinig daoine àraidh, o Shechem, o Shiloh, agus o Shamaria, ceithir‐fichead fear, aig an robh am feusagan air am bearradh, an aodaichean air an reubadh, agus iad fhèin geàrrte, le tabhartasan agus tùis nan làimh gu an toirt gu taigh an Tighearna.


Agus gun ceannsaichear am fearann ann am fianais an Tighearna; na dhèidh sin tillidh sibh, agus bidh sibh neo‐choireach an làthair an Tighearna, agus an làthair Israeil, agus bidh am fearann seo na sheilbh agaibh am fianais an Tighearna.


An nì a thug mar an ceudna ar n‑athraichean, a bha nan dèidh, a‑steach maille ri Iosa do sheilbh nan Cinneach, a thilg Dia a‑mach ro ghnùis ar n‑athraichean, gu làithean Dhaibhidh;


Agus bha fhathast am measg chloinn Israeil seachd treubhan nach d’fhuair an oighreachd.


Agus dh’èirich na daoine, agus dh’fhalbh iad: agus dh’àithn Iosua dhaibhsan a chaidh a tharraing an fhearainn, ag ràdh, Imichibh, agus rachaibh tron fhearann, agus tàirngibh e, agus thigibh a‑rìs am ionnsaigh‐sa, a‑chum gun tilg mi an seo croinn air ur son, an làthair an Tighearna ann an Siloh.


Is iad sin na h‑oighreachdan a roinn Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin, agus cinn athraichean treubhan chloinn Israeil, mar oighreachd le crannchur, ann an Siloh an làthair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail. Mar sin chuir iad crìoch air an fhearann a roinn.


Agus labhair iad riu aig Siloh ann an tìr Chanàain, ag ràdh, Dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois bailtean a thoirt dhuinn gu còmhnaidh a ghabhail annta, lem fearann co‑roinn dar sprèidh.


Agus nuair a chuala clann Israeil seo, chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile iad fhèin an ceann a chèile aig Siloh, gu dol suas a chogadh nan aghaidh.


Gidheadh, ma tha fearann ur seilbhe neòghlan, rachaibh thairis do fhearann sealbh an Tighearna, far a bheil pàillean an Tighearna a chòmhnaidh, agus gabhaibh sealbh nar measg‐ne: ach na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, no ceannairc nar n‑aghaidh‐ne, le altair a thogail dhuibh fhèin, a thuilleadh air altair an Tighearna ar Dia.


Agus thill clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth‐threubh Mhanaseh, agus dh’fhalbh iad o chloinn Israeil à Siloh, a tha ann an tìr Chanàain, gu dol do thìr Ghilead, gu fearann an seilbhe, a shealbhaich iad, a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois.


Agus chuir iad suas dhaibh fhèin dealbh snaidhte Mhicah, a rinn e, rè na h‑ùine a bha taigh Dhè ann an Siloh.


Agus fhuair iad am measg luchd‐àiteachaidh Iabeis‐ghilead ceithir cheud maighdeann òg, aig nach robh aithne air fear le laighe le fireannach sam bith: agus thug iad don champ iad gu Siloh, a tha ann an tìr Chanàain.


An sin thubhairt iad, Feuch, tha fèill an Tighearna ann an Siloh gach bliadhna, anns an àit a tha air an taobh mu thuath de Bhetel, air an taobh an ear den rathad mhòr a tha a’ dol suas o Bhetel gu Sechem, agus air an taobh mu dheas de Lebonah.


Agus nuair a chuir i bhàrr na cìche e, thug i suas leatha e, maille ri trì‐bhliadhnach tairbh, agus aon ephah de mhin mhìn, agus searrag fhìona, agus thug i e do thaigh an Tighearna ann an Siloh: agus bha an leanabh òg.


Agus thàinig an duine seo a‑nìos as a bhaile gach bliadhna, a dhèanamh adhraidh agus a dh’ìobradh do Thighearna nan sluagh ann an Siloh: agus bha dà mhac Eli, Hophni agus Phinehas, sagartan an Tighearna, an sin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan