Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 17:7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus bha crìoch Mhanaseh o Aser gu Michmetah, a tha fa chomhair Shecheim, agus chaidh a’ chrìoch air a h‑aghaidh air an làimh dheis gu luchd‐àiteachaidh En‑tapuah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus bha crìoch Mhanaseh o Aser gu Michmetah, a tha fa chomhair Shecheim, agus chaidh a’ chrìoch air a h‑aghaidh air an làimh dheis gu luchd-àiteachaidh En‑tapuah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 17:7
15 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic Sechem mac Hamoir, an t‑Hibheach, uachdaran na tìre, i, ghabh e i, agus laigh e leatha, agus thruaill e i.


Agus chaidh a bhràithrean a dh’ionaltradh treud an athar do Shechem.


Agus thubhairt e ris, Imich, guidheam ort, faic a bheil do bhràithrean gu math, agus a bheil an treud gu math; agus thoir fios am ionnsaigh a‑rìs. Mar sin chuir e a‑mach e à gleann Hebroin, agus thàinig e gu Sechem.


Agus chaidh Rehobòam do Shechem: oir thàinig Israel uile gu Sechem ga dhèanamh na rìgh.


Agus thog Ierobòam Sechem ann an sliabh Ephraim, agus chòmhnaich e ann; agus chaidh e a‑mach as a sin, agus thog e Penuel.


Agus thug iad dhaibh de na bailtean‐dìdein, Sechem ann an sliabh Ephraim, le a fhearann co‑roinn: Gèser mar an ceudna le a fhearann co‑roinn,


Labhair Dia, na naomhachd: nì mi aoibhneas; roinnidh mi Sechem, agus tomhaisidh mi gleann Shucoit.


A chionn gu robh aig nigheanan Mhanaseh oighreachd am measg a chuid mhac; agus bha fearann Ghilead aig a’ chuid eile de mhic Mhanaseh.


A‑nis bha aig Manaseh fearann Thapuah: ach Tapuah air crìch Mhanaseh bu le cloinn Ephraim.


Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat‐arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.


Oir thug iad dhaibh Sechem le a fhearann co‑roinn ann an sliabh Ephraim, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Gèser le a fhearann co‑roinn.


Agus chruinnich Iosua treubhan Israeil uile gu Sechem, agus ghairm e air seanairean Israeil, agus air an ceannardan, agus air am britheamhan, agus air an luchd‐riaghlaidh; agus nochd iad iad fhèin am fianais Dhè.


Agus dh’adhlaic iad cnàmhan Iòseiph, a thug clann Israeil a‑nìos as an Eiphit, ann an Sechem, ann am mìr fearainn a cheannaich Iàcob o mhic Hamoir, athair Shecheim, airson ceud bonn airgid; agus bha e na oighreachd aig cloinn Iòseiph.


Agus chaidh Abimelech mac Ierubàail do Shechem, gu bràithrean a mhàthar, agus labhair e riu, agus ri teaghlach taigh athair a mhàthar uile, ag ràdh,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan