Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 17:2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Bha mar an ceudna crannchur aig a’ chuid eile de chloinn Mhanaseh a rèir an teaghlaichean; aig cloinn Abieseir, agus aig cloinn Heleic, agus aig cloinn Asrieil, agus aig cloinn Shecheim, agus aig cloinn Hepheir, agus aig cloinn Shemida: b’iad sin clann‐mhac Mhanaseh mhic Iòseiph, a rèir an teaghlaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Bha mar an ceudna crannchur aig a’ chuid eile de chloinn Mhanaseh a rèir an teaghlaichean; aig cloinn Abieseir, agus aig cloinn Heleic, agus aig cloinn Asrieil, agus aig cloinn Shecheim, agus aig cloinn Hepheir, agus aig cloinn Shemida: b’iad sin clann-mhac Mhanaseh mhic Iòseiph, a rèir an teaghlaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 17:2
6 Iomraidhean Croise  

Agus rug a phiuthar Hamolecet Isod, agus Abieser, agus Mahalah.


Bha mar an ceudna crannchur aig treubh Mhanaseh (oir b’esan ciad‐ghin Iòseiph), eadhon aig Machir, ciad‐ghin Mhanaseh, athair Ghilead; a chionn gum b’fhear‐cogaidh e: uime sin bha Gilead agus Basan aige.


Ach aig Selophehad mac Hepheir, mhic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, cha robh mic, ach nigheanan: agus is iad seo ainmean a nigheanan, Mahlah, agus Nòah, Hoglah, Milcah, agus Tirsah.


Agus thàinig aingeal an Tighearna agus shuidh e fo dharaig a bha ann an Ophrah, a bhuin do Iòas an t‑Abiesrach: agus bha a mhac Gideon a’ bualadh arbhair ann an amar‐bruthaidh an fhìona, ga fhalach o na Midianaich.


Agus thubhairt e riu, Ciod a‑nis a rinn mise an coimeas ribhse? Nach fheàrr dìoghlam fìondhearcan Ephraim na fìonfhoghar Abieseir?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan