Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 17:1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Bha mar an ceudna crannchur aig treubh Mhanaseh (oir b’esan ciad‐ghin Iòseiph), eadhon aig Machir, ciad‐ghin Mhanaseh, athair Ghilead; a chionn gum b’fhear‐cogaidh e: uime sin bha Gilead agus Basan aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Bha mar an ceudna crannchur aig treubh Mhanaseh (oir b’esan ciad-ghin Iòseiph), eadhon aig Machir, ciad-ghin Mhanaseh, athair Ghilead; a chionn gum b’fhear-cogaidh e: uime sin bha Gilead agus Basan aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 17:1
20 Iomraidhean Croise  

Agus thug Iòseph Manaseh mar ainm air a’ chiad‐ghin; oir thug Dia orm, arsa esan, mo shaothair uile a dhìochuimhneachadh, agus taigh m’athar uile.


Agus air an dara mac thug e Ephraim mar ainm; oir thug Dia orm, arsa esan, a bhith sìolmhor ann an tìr m’àmhghair.


Agus rugadh do Iòseph ann an tìr na h‑Èiphit, Manaseh agus Ephraim, a rug Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, dha.


Agus nuair a chunnaic Iòseph gun do chuir a athair a làmh dheas air ceann Ephraim, cha do thaitinn e ris: agus chùm e suas làmh a athar, a‑chum a h‑atharrachadh o cheann Ephraim gu ceann Mhanaseh.


Agus thubhairt Iòseph ra athair, Chan ann mar sin, athair: oir is e seo an ciad‐ghin; cuir do làmh dheas air a cheann.


Agus chunnaic Iòseph clann Ephraim, den treas ginealach: thogadh suas mar an ceudna clann Mhachir mhic Mhanaseh air glùinean Iòseiph.


Agus rinn e e na rìgh air Gilead, agus air na h‑Asuraich, agus air Iesreel, agus air Ephraim, agus air Beniàmin, agus air Israel uile.


Agus thug e Gesur agus Aram le bailtean Iair uapa, maille ri Cenat agus a bhailtean, eadhon trì‐fichead baile mòr: bhuin iad sin uile do mhic Mhachir, athair Ghilead.


Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Seo a’ chrìoch leis an sealbhaich sibh am fearann, a rèir dà‑threubh‐dheug Israeil: bidh dà roinn aig Iòseph.


Agus làimh ri crìch Naphtali, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Manaseh.


De mhic Mhanaseh: o Mhachir, teaghlach nam Machireach; agus ghin Machir Gilead: o Ghilead thàinig teaghlach nan Gileadach.


An sin thàinig nigheanan Shelophehaid, mhic Hepheir, mhic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, de theaghlaichean Mhanaseh, mhic Iòseiph: agus is iad seo ainmean a nigheanan, Mahlah, Nòah, agus Hoglah, agus Milcah, agus Tirsah.


Agus thug Maois dhaibh, eadhon do chloinn Ghad, agus do chloinn Reubein, agus do leth‐threubh Mhanaseh mhic Iòseiph, rìoghachd Shihoin rìgh nan Amorach, agus rìoghachd Og rìgh Bhasain, an tìr maille ra bailtean anns na crìochan, eadhon bailtean na dùthcha mun cuairt.


Ach gabhaidh e ri mac na mnà fuathaichte mar an ciad‐ghin, le roinn dhùbailte a thoirt dha de gach nì a tha aige: oir is esan toiseach a neirt, is leis còir a’ chiad‐ghin.


Bha mar an ceudna crannchur aig a’ chuid eile de chloinn Mhanaseh a rèir an teaghlaichean; aig cloinn Abieseir, agus aig cloinn Heleic, agus aig cloinn Asrieil, agus aig cloinn Shecheim, agus aig cloinn Hepheir, agus aig cloinn Shemida: b’iad sin clann‐mhac Mhanaseh mhic Iòseiph, a rèir an teaghlaichean.


A‑nis do aon leth‐threubh Mhanaseh, thug Maois sealbh ann am Basan; ach don leth‐threubh eile dhiubh thug Iosua sealbh am measg am bràithrean air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar. Agus cuideachd, nuair a chuir Iosua air falbh iad dam pàilleanan, an sin bheannaich e iad.


A Ephraim bha freumh dhiubh an aghaidh Amaleic; ad dhèidh‐sa, a Bheniàmin, am measg do sluaigh: à Machir thàinig a‑nuas lagh‐thabhairtairean, agus à Sebulun iadsan a làimhsicheas peann an sgrìobhadair.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan