Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 15:45 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

45 Ecron le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

45 Ecron le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 15:45
11 Iomraidhean Croise  

Is iad sin mic Ismaeil, agus is iad sin an ainmean nam bailtean, agus nan daingnichean; dà‑cheannard‐dheug a rèir am fineachan.


Agus gearraidh mi am fear‐àiteachaidh air falbh o Asdod, agus esan a ghlacas an t‑slat‐rìoghail o Ascelon; agus tionndaidhidh mi mo làmh an aghaidh Ecroin: agus bàsaichidh fuidheall nam Philisteach, deir an Tighearna Iehòbhah.


Gu dearbh trèigear Gàsa, agus cuirear fàs Ascelon: fògraidh iad a‑mach Asdod air mheadhon‐là; agus bidh Ecron air a spìonadh à freumh.


O Shihor, a tha fa chomhair na h‑Eiphit, eadhon gu crìch Ecroin mu thuath, a mheasar don Chanàanach: còig tighearnan nam Philisteach; na Gàsataich, agus na h‑Asdodaich, na h‑Escalonaich, na Gitich, agus na h‑Ecronaich, agus na h‑Abhaich:


Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach gu taobh Ecroin ri tuath; agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Sicron, agus ghabh i thairis air sliabh Bhàalah, agus chaidh i a‑mach gu Iabneel: agus bha dol a‑mach na crìche aig a’ mhuir.


Agus Ceilah, agus Achsib, agus Maresah: naoi bailtean mòra lem bailtean beaga.


O Ecron, eadhon gus an fhairge, iadsan uile a bha làimh ri Asdod, lem bailtean beaga.


Agus Elon, agus Timnatah, agus Ecron,


Uime sin chuir iad air falbh àirc Dhè gu Ecron; agus nuair a bha àirc Dhè air teachd gu Ecron, dh’èigh na h‑Ecronaich, ag ràdh, Thug iad mun cuairt dar n‑ionnsaigh‐ne àirc Dia Israeil gu sinn fhèin a mharbhadh agus ar sluagh.


Agus is iad seo na neasgaidean òir, a dh’ìoc na Philistich mar thabhartas‐easaontais don Tighearna: airson Asdoid aon, airson Ghàsa aon, airson Asceloin aon, airson Ghat aon, airson Ecroin aon;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan