Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 15:4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Uaithe sin ghabh i a dh’ionnsaigh Asmoin, agus chaidh i a‑mach gu Abhainn na h‑Eiphit, agus bha dol a‑mach na crìche sin aig a’ mhuir: bidh seo agaibh na crìch mu dheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Uaithe sin ghabh i a dh’ionnsaigh Asmoin, agus chaidh i a‑mach gu Abhainn na h‑Eiphit, agus bha dol a‑mach na crìche sin aig a’ mhuir: bidh seo agaibh na crìch mu dheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 15:4
8 Iomraidhean Croise  

Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd‐sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Èiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:


Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir‐là‑deug.


Agus suidhichidh mi do chrìochan on mhuir ruaidh eadhon gu ruig fairge nam Philisteach, agus on fhàsach gu ruig an abhainn: oir bheir mi thairis nur làimh luchd‐àiteachaidh na tìre; agus tilgidh tu a‑mach iad as do làthair.


Agus tàrlaidh anns an là sin, gun dèan an Tighearna bualadh o chlais na h‑aibhne gu sruth na h‑Eiphit, agus tionailear sibhse suas, aon agus aon, O chlann Israeil.


Agus bheir a’ chrìoch cuairt o Asmon gu abhainn na h‑Eiphit, agus bidh a dol a‑mach aig an fhairge.


O Shihor, a tha fa chomhair na h‑Eiphit, eadhon gu crìch Ecroin mu thuath, a mheasar don Chanàanach: còig tighearnan nam Philisteach; na Gàsataich, agus na h‑Asdodaich, na h‑Escalonaich, na Gitich, agus na h‑Ecronaich, agus na h‑Abhaich:


Agus chaidh i a‑mach a dh’ionnsaigh an taoibh mu dheas gu uchdaich Acrabim, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Sin, agus chaidh i suas air an taobh mu dheas gu Cadeis‐barnea, agus chaidh i air a h‑aghaidh gu Hesron, agus chaidh i suas gu Adar, agus ghabh i mun cuairt gu Carcaa.


Asdod le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, Gàsah le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, gu abhainn na h‑Eiphit, agus an fhairge mhòir, eadhon a crìch.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan