Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 15:19 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

19 Agus fhreagair ise, Thoir dhomh beannachadh; oir thug thu dhomh fearann mu dheas, thoir dhomh mar an ceudna tobraichean uisge; agus thug e dhi na tobraichean uachdarach, agus na tobraichean ìochdarach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

19 Agus fhreagair ise, Thoir dhomh beannachadh; oir thug thu dhomh fearann mu dheas, thoir dhomh mar an ceudna tobraichean uisge; agus thug e dhi na tobraichean uachdarach, agus na tobraichean ìochdarach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 15:19
8 Iomraidhean Croise  

Agus dh’imich Abram, a’ sìor dhol air aghaidh mu dheas.


Gabh, guidheam ort, mo bheannachadh a thugadh ad ionnsaigh, do bhrìgh gun do bhuin Dia gu toirbheartach rium, agus gu bheil agam mòr phailteas: agus rinn e ro‑earail air, agus ghabh e e.


Uime sin bhreithnich mi gum b’fheumail impidh a chur air na bràithrean, iad a dhol air tùs dur n‑ionnsaigh‐se, agus ur tabhartas, air an do labhradh ribh roimhe, a dhèanamh deas, a‑chum gum biodh sin ullamh, mar thìodhlac, agus chan ann mar nì a dh’aindeoin.


Agus is e seo beannachadh Iùdah: agus thubhairt e, Eisd, a Thighearna, ri guth Iùdah, agus thoir e a‑chum a shluaigh: biodh a làmhan foghainteach dha, agus bi‑sa ad chòmhnadh aige o a naimhdean.


Agus thàrladh, nuair a thàinig i da ionnsaigh, gun do bhrosnaich i e gu achadh iarraidh air a h‑athair: agus theirinn i bhàrr a h‑asail, agus thubhairt Càleb rithe, Ciod a b’àill leat?


B’i sin oighreachd treubh chloinn Iùdah, a rèir an teaghlaichean.


Agus a‑nis am beannachadh seo, a thug do bhanoglach a dh’ionnsaigh mo thighearna, thugar e eadhon do na h‑òganaich a tha a’ siubhal an cois mo thighearna.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan