Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 15:14 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Agus dh’fhògair Càleb a‑mach as a sin triùir mhac Anaic, Sesai, agus Ahiman, agus Talmai, clann Anaic.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Agus dh’fhògair Càleb a‑mach as a sin triùir mhac Anaic, Sesai, agus Ahiman, agus Talmai, clann Anaic.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 15:14
9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Isbi‐benob, a bha de shliochd an fhamhair, (agus aig am b’e cudthrom ceann a shleagha trì cheud secel umha, agus e crioslaichte le crios nodha,) gum marbhadh e Daibhidh.


Agus chunnaic sinn na famhairean an sin, mic Anaic, a thàinig o na famhairean; agus bha sinne nar sealladh fhèin mar fhionnain‐fheòir, agus bha sinn mar sin nan sealladh‐san.


Sluagh mòr agus àrd, clann nan Anacach, as aithne dhut, agus mun cuala thu air a ràdh, Cò as urrainn seasamh ro chloinn Anaic?


Agus anns an àm sin thàinig Iosua, agus gheàrr e as na h‑Anacaich o na slèibhtean, o Hebron, o Dhebir, o Anab, agus o bheanntan Iùdah uile, agus o bheanntan Israeil uile: sgrios Iosua gu tur iad lem bailtean.


Cha d’fhàgadh aon de na h‑Anacaich ann am fearann chloinn Israeil; a‑mhàin ann an Gàsa, ann an Gat, agus ann an Asdod, dh’fhàgadh iad.


Agus chaidh Iùdah an aghaidh nan Canàanach a bha a chòmhnaidh ann an Hebron, (a‑nis b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat‐arba,) agus mharbh iad Sesai, agus Ahiman, agus Talmai.


Agus thug iad Hebron do Chàleb, mar a thubhairt Maois: agus dh’fhuadaich e as a sin triùir mhac Anaic.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan