Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 15:10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt o Bhàalah air an làimh an iar gu sliabh Sheir, agus ghabh i thairis gu taobh sliabh Iearim (is e sin Chesalon), air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu Bet‐semes, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Timnah:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt o Bhàalah air an làimh an iar gu sliabh Sheir, agus ghabh i thairis gu taobh sliabh Iearim (is e sin Chesalon), air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu Bet-semes, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Timnah:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 15:10
12 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e, agus an sluagh uile a bha maille ris, o Bhàal Iùdah, a thabhairt suas à sin àirc Dhè, air an gairmear ainm Tighearna nan sluagh, a ghabhas còmhnaidh eadar na ceruban.


Ach cha d’èisd Amasiah ris: uime sin chaidh Iehoas rìgh Israeil suas, agus dh’amhairc e fhèin agus Amasiah rìgh Iùdah air aghaidh a chèile aig Bet‐semes, a bhuineas do Iùdah.


Thug na Philistich mar an ceudna ionnsaigh air bailtean a’ chòmhnaird, agus air an taobh a deas de Iùdah, agus ghlac iad Bet‐semes, agus Aialon, agus Gederot, agus Socho le a bhailtean beaga, agus Timnah le a bhailtean beaga, agus Gimso le a bhailtean beaga; agus ghabh iad còmhnaidh an sin.


Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach gu taobh Ecroin ri tuath; agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Sicron, agus ghabh i thairis air sliabh Bhàalah, agus chaidh i a‑mach gu Iabneel: agus bha dol a‑mach na crìche aig a’ mhuir.


Càin, Gibeah, agus Timnah: deich bailtean mòra lem bailtean beaga.


Agus Iron, agus Migdal‐el, Horem, agus Bet‐hanat, agus Bet‐semes; naoi mòr‐bhailtean deug lem bailtean beaga.


Agus Ain le a fhearann co‑roinn, agus Iutah le a fhearann co‑roinn, agus Bet‐semes le a fhearann co‑roinn: naoi bailtean as an dà threubh sin.


Agus chaidh Samson sìos gu Timnat; agus chunnaic e bean ann an Timnat de nigheanan nam Philisteach.


Uime sin chaidh Samson sìos, agus a athair agus a mhàthair, gu Timnat, agus thàinig iad gu fìonliosan Thimnait; agus, feuch, bha leòmhann òg a’ beucaich na aghaidh.


Agus chì sibh, ma thèid i suas rathad a crìche fhèin gu Bet‐semes, an sin rinn e an t‑olc mòr seo oirnn: ach mura tèid, an sin bidh fhios againn nach i a làmh‐san a bhuail sinn; is tuiteamas a thàinig oirnn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan