Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 15:1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 B’e seo uime sin crannchur treubh chloinn Iùdah a rèir an teaghlaichean, eadhon gu crìch Edoim, gu fàsach Shin ri deas on chuid as fhaide a‑mach den iomall dheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 B’e seo uime sin crannchur treubh chloinn Iùdah a rèir an teaghlaichean, eadhon gu crìch Edoim, gu fàsach Shin ri deas on chuid as fhaide a‑mach den iomall dheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 15:1
13 Iomraidhean Croise  

Mic Lèah: Reuben ciad‐ghin Iàcoib, agus Simeon, agus Lèbhi, agus Iùdah, agus Isachar, agus Sebulun;


Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir‐là‑deug.


Agus an taobh deas mu dheas o Thamar, gu uisgeachan na strì ann an Cades, an sruth gus an fhairge mhòr: agus seo an taobh deas mu dheas.


Agus làimh ri crìch Reubein, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Iùdah.


Agus nuair a ghlaodh sinn ris an Tighearna, chuala e ar guth, agus chuir e aingeal uaithe, agus thug e a‑mach sinn as an Eiphit; agus, feuch, tha sinn ann an Cadeis, baile anns a’ chuid as iomallaiche ded chrìch.


Agus o Ierusalem, agus o Idumèa, agus o thaobh thall Iòrdain, agus iadsan a bha timcheall Thìruis agus Shìdoin, thàinig cuideachd mhòr dhiubh da ionnsaigh, nuair a chuala iad cho mòr is a bha na nithean a rinn e.


A chionn gun do chiontaich sibh am aghaidh‐sa am measg chloinn Israeil, aig uisgeachan Mheribah‐Cadeis, ann am fàsach Shin; do bhrìgh nach do naomhaich sibh mi am meadhon chloinn Israeil.


Le crannchur bha an oighreachd, mar a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois, do na naoi treubhan agus an leth‐threubh.


Agus bha an crìoch mu dheas o thràigh na mara salainn, on lùib a tha ag amharc ri deas.


Agus roinnidh iad e na sheachd earrannan: fanaidh Iùdah na chrìch fhèin air an taobh mu dheas, agus fanaidh taigh Iòseiph na chrìch fhèin air an taobh mu thuath.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan