Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 14:8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Gidheadh, thug mo bhràithrean, a chaidh suas maille rium, air cridhe an t‑sluaigh leaghadh: ach lean mise gu h‑iomlan an Tighearna mo Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Gidheadh, thug mo bhràithrean, a chaidh suas maille rium, air cridhe an t‑sluaigh leaghadh: ach lean mise gu h‑iomlan an Tighearna mo Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 14:8
8 Iomraidhean Croise  

Ach thubhairt na daoine a chaidh suas maille ris, Chan urrainn sinn dol suas an aghaidh an t‑sluaigh; oir is treasa iad na sinne.


Agus thog an co‑chruinneachadh uile suas an guth, agus ghlaodh iad; agus ghuil an sluagh air an oidhche sin.


Ach mo sheirbhiseach Càleb, a chionn gu robh aige‐san spiorad eile maille ris, agus gun do lean e mi gu h‑iomlan, esan bheir mi don fhearann don deachaidh e; agus sealbhaichidh a shliochd e.


Saor o Chàleb mac Iephuneh an Ceniseach, agus Iosua mac Nuin: oir lean iadsan an Tighearna gu h‑iomlan.


Càit an tèid sinn suas? Chuir ar bràithrean ar cridhe fo mhì‐mhisnich, ag ràdh, Tha an sluagh nas mò agus nas àirde na sinne; tha na bailtean mòr, agus daingnichte suas gu nèamh, agus os bàrr, chunnaic sinn mic nan Anacach an sin.


Saor o Chàleb mac Iephuneh; chì esan e, agus dhàsan bheir mi am fearann air an do shaltair e, agus da chloinn, a chionn gun do lean e an Tighearna gu h‑iomlan.


Rinneadh uime sin Hebron na oighreachd do Chàleb mac Iephuneh, an Ceniseach, gus an là‑an‑diugh, a chionn gun do lean e gu h‑iomlan an Tighearna Dia Israeil.


Is iad seo an dream nach do shalaicheadh le mnathan; oir is òighean iad: is iad seo an dream a tha a’ leantainn an Uain ge bè àit an tèid e: shaoradh iad seo o mheasg dhaoine, nan ciad‐thoradh do Dhia, agus don Uan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan