Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 14:2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Le crannchur bha an oighreachd, mar a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois, do na naoi treubhan agus an leth‐threubh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Le crannchur bha an oighreachd, mar a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois, do na naoi treubhan agus an leth-threubh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 14:2
14 Iomraidhean Croise  

Anns an uchd tilgear an crannchur; ach is ann on Tighearna a tha a riaghladh gu lèir.


Bheir an crannchur air aimhreitean sgur, agus roinnidh e eadar na cumhachdaich.


Mar an ceudna nuair a roinneas sibh le crannchur am fearann mar oighreachd, bheir sibh tabhartas don Tighearna, earrann naomh den fhearann: is e a fhad còig‐mìle‐fichead làmh‐choille, agus a leud deich mìle; bidh seo naomh na uile chrìochan mun cuairt.


Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,


Agus roinnidh sibh am fearann le crannchur mar oighreachd am measg ur teaghlaichean: dhaibhsan as lìonmhoire bheir sibh an oighreachd as mò, agus dhaibhsan as teirce bheir sibh an oighreachd as lugha: bidh oighreachd gach duine anns an àit anns an tuit a chrannchur; a rèir treubhan ur n‑athraichean sealbhaichidh sibh.


Agus dh’àithn Maois do chloinn Israeil, ag ràdh, Is e seo am fearann a shealbhaicheas sibh le crannchur, a dh’àithn an Tighearna a thoirt do na naoi treubhan, agus don leth‐threubh.


Is iad seo ainmean nan daoine a roinneas am fearann dhuibh: Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin.


An sin their an Rìgh riùsan air a dheis, Thigibh, a dhaoine beannaichte m’Athar‐sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a tha air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain:


Agus thilg iad an crannchur; agus thuit an crannchur air Matias; agus bha e air àireamh maille ris an aon‐abstol‐deug.


A‑nis uime sin, roinn am fearann seo mar oighreachd do na naoi treubhan, agus do leth‐threubh Mhanaseh;


Agus thilg Iosua croinn air an son ann an Siloh, an làthair an Tighearna: agus an sin roinn Iosua am fearann do chloinn Israeil, a rèir an roinnean.


Uime sin tàirngidh sibh am fearann na sheachd earrannan, agus bheir sibh an tarraing an seo am ionnsaigh‐sa, a‑chum gun tilg mi croinn air ur son an seo an làthair an Tighearna ar Dia.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan