Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 13:9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 O Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus còmhnard Mhedebah uile gu Dibon;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 O Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus còmhnard Mhedebah uile gu Dibon;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 13:9
15 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh iad a‑null thar Iòrdan, agus champaich iad ann an Aroer, air taobh mu dheas a’ bhaile, a tha ann am meadhon abhainn Ghad, agus leth ri Iaser:


Agus thuarasdalaich iad dà‑mhìle‐dheug ar fhichead fear, agus carbadan, agus rìgh Mhaachah agus a shluagh; agus thàinig iadsan agus champaich iad fa chomhair Mhedeba. Agus chruinnich clann Amoin iad fhèin an ceann a chèile as am bailtean, agus thàinig iad a‑chum catha.


Agus a‑thaobh nam bailtean beaga nam fearann, chòmhnaich cuid de mhic Iùdah ann an Ciriat‐arba agus na bhailtean beaga, agus ann an Dibon agus na bhailtean beaga, agus ann an Iecabseel agus na bhailtean beaga,


Chaidh e suas gu Bait agus gu Dibon, na h‑ionadan àrda, a ghul. Nì Mòab caoineadh airson Nebo agus airson Mhedeba; air gach ceann dhiubh bidh maoile; bidh gach feusag air a gearradh dheth.


Thig a‑nuas od àilleachd, agus suidh ann an ìota, O nighean a tha ag àiteachadh Dhiboin; a chionn gu bheil creachadair Mhòaib air teachd a‑nìos ann ad aghaidh, fear‐millidh do dhaingnichean.


Agus air Dibon, agus air Nebo, agus air Bet‐diblataim;


Thig creachadair fòs air gach uile chathair; agus cha tèid cathair air bith as: agus millear an gleann, agus thèid an còmhnard a sgrios amhail a labhair an Tighearna.


Thilg sinn saighdean orra; chaidh as do Hesbon eadhon gu Dibon, agus dh’fhàsaich sinn iad eadhon gu Nopha, a tha a’ ruigheachd gu Medeba.


O Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus on bhaile a tha làimh ris an t‑sruth, eadhon gu Gilead, cha robh aon bhaile tuilleadh is làidir air ar son; thug an Tighearna ar Dia iad uile thairis dhuinn.


Agus am fearann seo, a shealbhaich sinn anns an àm sin, o Aroer, a tha làimh ri sruth Arnoin, agus leth sliabh Ghilead, agus a bhailtean, thug mi do na Reubenich, agus do na Gadaich.


Agus do na Reubenich, agus do na Gadaich, thug mi o Ghilead eadhon gu sruth Arnoin, leth a’ ghlinne, agus an t‑iomall, eadhon gus an sruth Iaboc, crìoch chloinn Amoin:


Sihon rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, agus a riaghlaich o Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus o mheadhon an t‑srutha, agus leth Ghilead eadhon gus an sruth Iaboc, crìoch chloinn Amoin:


Agus uile bhailtean Shihoin, rìgh nan Amorach, a rìghich ann an Hesbon, gu crìch chloinn Amoin;


Agus bha an crìoch o Aroer a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus an còmhnard uile gu Medebah;


Maille ris an leth‐threubh eile fhuair na Reubenich agus na Gadaich an oighreachd‐san a thug Maois dhaibh an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, eadhon mar a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan