Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 13:8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Maille ris an leth‐threubh eile fhuair na Reubenich agus na Gadaich an oighreachd‐san a thug Maois dhaibh an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, eadhon mar a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Maille ris an leth-threubh eile fhuair na Reubenich agus na Gadaich an oighreachd-san a thug Maois dhaibh an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, eadhon mar a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 13:8
11 Iomraidhean Croise  

Oir cha sealbhaich sinne maille riùsan an taobh eile de Iòrdan, no thall o sin; a chionn gun do thuit ar n‑oighreachd dhuinne air an taobh seo de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear.


Agus thug sinn anns an àm sin à làimh dà rìgh nan Amorach am fearann a tha air an taobh seo de Iòrdan, o shruth Arnoin gu sliabh Hermoin:


A‑nis is iad seo rìghrean an fhearainn a bhuail clann Israeil; agus shealbhaich iad am fearann air taobh eile Iòrdain leth ri èirigh na grèine, o shruth Arnoin gu sliabh Hermoin, agus an còmhnard uile air an làimh an ear:


Iadsan bhuail Maois, òglach an Tighearna, agus clann Israeil; agus thug Maois, òglach an Tighearna, e mar sheilbh do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth‐threubh Mhanaseh.


A‑nis uime sin, roinn am fearann seo mar oighreachd do na naoi treubhan, agus do leth‐threubh Mhanaseh;


O Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus còmhnard Mhedebah uile gu Dibon;


Agus a‑nis thug an Tighearna ur Dia fois dur bràithrean, mar a gheall e dhaibh; a‑nis uime sin tillibh, agus rachaibh dur pàilleanan, agus gu fearann ur seilbh, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh thall de Iòrdan.


Agus chaidh clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth‐threubh Mhanaseh, thairis fo an airm ro chloinn Israeil, mar a labhair Maois riu:


Agus chaidh cuid de na h‑Eabhraidhich thar Iòrdan gu tìr Ghad, agus Ghilead: ach bha Saul fhathast ann an Gilgal, agus bha an sluagh na dhèidh uile air chrith.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan