Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 13:30 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

30 Agus bha an crìoch o Mhahanaim, Basan uile, uile rìoghachd Og rìgh Bhasain, agus uile bhailtean Iair, a tha ann am Basan, trì‐fichead baile mòr:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

30 Agus bha an crìoch o Mhahanaim, Basan uile, uile rìoghachd Og rìgh Bhasain, agus uile bhailtean Iair, a tha ann am Basan, trì-fichead baile mòr:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 13:30
11 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Iàcob teachdairean roimhe gu Esau a bhràthair, gu fearann Sheir, dùthaich Edoim.


Agus thill iad agus chaidh iad suas air slighe Bhasain: agus chaidh Og, rìgh Bhasain, a‑mach nan aghaidh, e fhèin agus a shluagh uile, gu cath aig Edrei.


Bailtean a’ chòmhnaird uile, agus Gilead uile, agus Basan uile, gu Salcha agus Edrei, bailtean rìoghachd Og ann am Basan:


Agus ghlac sinn a bhailtean uile anns an àm sin; cha robh baile nach tug sinn uapa, trì‐fichead baile, dùthaich Argoib uile, rìoghachd Og ann am Basan.


Agus o Hesbon gu Ramat‐mhispeh, agus Betonim; agus o Mhahanaim gu crìch Dhebir;


Agus thug Maois oighreachd do leth‐threubh Mhanaseh: agus b’i seo sealbh leth‐threubh chloinn Mhanaseh, a rèir an teaghlaichean.


A chionn gu robh aig nigheanan Mhanaseh oighreachd am measg a chuid mhac; agus bha fearann Ghilead aig a’ chuid eile de mhic Mhanaseh.


Agus à treubh Ghad, Ramot ann an Gilead le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Mahanaim le a fhearann co‑roinn,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan