Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 13:27 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

27 Agus anns a’ ghleann, Betaram, agus Bet‐nimrah, agus Sucot, agus Saphon, a’ chuid eile de rìoghachd Shihoin rìgh Hesboin, Iòrdan agus a crìoch, eadhon gu oir fairge Chineret, air taobh eile Iòrdain a làimh na h‑àird an ear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

27 Agus anns a’ ghleann, Betaram, agus Bet-nimrah, agus Sucot, agus Saphon, a’ chuid eile de rìoghachd Shihoin rìgh Hesboin, Iòrdan agus a crìoch, eadhon gu oir fairge Chineret, air taobh eile Iòrdain a làimh na h‑àird an ear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 13:27
14 Iomraidhean Croise  

Agus dh’imich Iàcob gu Sucot, agus thog e dha fhèin taigh, agus rinn e bothain da sprèidh: air an adhbhar sin thugadh Sucot mar ainm air an àite.


Ann an còmhnard Iòrdain thilg an rìgh iad, anns an talamh chreadha eadar Sucot agus Sartan.


Labhair Dia, na naomhachd: nì mi aoibhneas; roinnidh mi Sechem, agus tomhaisidh mi gleann Shucoit.


Atarot, agus Dibon, agus Iaser, agus Nimrah, agus Hesbon, agus Elealeh, agus Sèbam, agus Nebo, agus Beon;


Agus Bet‐nimrah, agus Bethàran, bailtean daingnichte; agus mainnirean airson chaorach.


Agus thèid a’ chrìoch sìos o Shepham gu Riblah, air an taobh an ear de Ain; agus thèid a’ chrìoch sìos, agus ruigidh i gu taobh fairge Chineret a làimh na h‑àird an ear.


Agus thàrladh, nuair a bha am poball a’ dlùth‐theannadh air a‑chum facal Dhè èisdeachd, gun do sheas e làimh ri loch Ghenesaret,


An còmhnard mar an ceudna, agus Iòrdan, agus a chrìochan, o Chineret, eadhon gu muir a’ chòmhnaird, a’ mhuir shalainn fo Asdot‐pisgah a làimh na h‑àird an ear.


Agus a dh’ionnsaigh nan rìgh a bha mu thuath anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard mu dheas de Chinerot, agus anns a’ ghleann, agus ann an crìochan Dhoir, air an làimh an iar;


Agus an còmhnard gu muir Chineroit a làimh na h‑àird an ear, agus gu muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn a làimh na h‑àird an ear, an t‑slighe gu Bet‐iesimot; agus on àird a deas, fo Asdot‐pisgah:


Agus o Hesbon gu Ramat‐mhispeh, agus Betonim; agus o Mhahanaim gu crìch Dhebir;


B’i sin oighreachd chloinn Ghad, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan