Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 13:25 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

25 Agus b’i an crìoch Iaser, agus uile bhailtean Ghilead, agus leth fearann chloinn Amoin, gu Aroer a tha fa chomhair Rabah:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

25 Agus b’i an crìoch Iaser, agus uile bhailtean Ghilead, agus leth fearann chloinn Amoin, gu Aroer a tha fa chomhair Rabah:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 13:25
21 Iomraidhean Croise  

Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna, mun àm anns an tèid rìghrean a‑mach gu cath, chuir Daibhidh uaithe Ioab, agus a sheirbhisich maille ris, agus Israel uile, agus sgrios iad clann Amoin, agus theannaich iad Rabah: ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem.


Agus chog Ioab an aghaidh Rabah chloinn Amoin, agus ghlac e am baile rìoghail.


Agus chaidh iad a‑null thar Iòrdan, agus champaich iad ann an Aroer, air taobh mu dheas a’ bhaile, a tha ann am meadhon abhainn Ghad, agus leth ri Iaser:


De na Hebronaich, b’e Ieriah ceann nan Hebronach a rèir ginealaichean a athraichean. Anns an dà‑fhicheadamh bliadhna de rìoghachadh Dhaibhidh dh’iarradh iad, agus fhuaireadh nam measg daoine treuna ann an Iaser Ghilead.


Agus Hesbon le a fhearann co‑roinn, agus Iaser le a fhearann co‑roinn.


Oir tha machraichean Hesboin air fàilneachadh, agus fìonain Shibmah; bhris maithean nan cinneach sìos a fìon‐chroinn ghasda; ràinig iad gu Iaser; sgaoil iad air feadh an fhàsaich; shìn a geugan iad fhèin a‑mach, chaidh iad thar fairge.


Tha bailtean Aroeir air an trèigsinn; bidh iad airson threud a laigheas sìos, agus cha bhi neach gam fuadachadh.


Guilidh mi air do shon, O fhìonain Shibmah; sgaoil do mheanglain thar an fhairge, ràinig iad gu ruig fairge Iaseir; air do mheas‐samhraidh, agus air d’fhìon‐fhogharadh bhuail am fear‐millidh.


Sònraich slighe, a‑chum gun tigeadh an claidheamh gu Rabat nan Amonach, agus gu Iùdah ann an Ierusalem, a’ chathair dhaingnichte.


Ach fadaidh mise teine air balla Rabah, agus loisgidh e sìos a lùchairtean, le iolaich ann an là a’ chatha, le cuairt‐ghaoith ann an là na doininn.


Agus chuir Maois daoine uaithe a ghabhail beachd air Iaser, agus ghlac iad a bhailtean, agus dh’fhògair iad a‑mach na h‑Amoraich a bha an sin.


Agus Atrot, Sophan, agus Iaser, agus Iogbehah,


Agus nuair a thig thu am fagas thall fa chomhair chloinn Amoin, na buin gu naimhdeil riu, cha mhò a bheanas tu riu: oir cha toir mi dhut sealbh sam bith de fhearann chloinn Amoin, a chionn gun tug mi e do chloinn Lot mar sheilbh.


Oir bha Og rìgh Bhasain a‑mhàin a làthair de fhuidheall nam famhairean; feuch, a leabaidh, bu leabaidh iarainn i: nach eil i ann an Rabat chloinn Amoin? B’iad naoi làmhan‐coille a fad, agus ceithir làmhan‐coille a leud, a rèir làmh‐choille duine.


Agus Gilead, agus crìoch nan Gesurach, agus nam Maachatach, agus sliabh Hermoin uile, agus Basan uile gu Salcah;


Agus thug Maois oighreachd do threubh Ghad, eadhon do chloinn Ghad a rèir an teaghlaichean.


Agus o Hesbon gu Ramat‐mhispeh, agus Betonim; agus o Mhahanaim gu crìch Dhebir;


Hesbon le a fhearann co‑roinn, Iaser le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean anns an iomlan.


Dh’fhan Gilead an taobh thall de Iòrdan: agus carson a dh’fhuirich Dan ann an longan? Dh’fhan Aseir air tràigh na fairge, agus na bheàrnan ghabh e còmhnaidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan