Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 13:17 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

17 Hesbon, agus a bhailtean uile a tha anns a’ chòmhnard; Dibon, agus Bamot‐bàal, agus Bet‐ball‐meon,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

17 Hesbon, agus a bhailtean uile a tha anns a’ chòmhnard; Dibon, agus Bamot-bàal, agus Bet-ball-meon,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 13:17
17 Iomraidhean Croise  

Agus Bela mac Asais, mhic Shema, mhic Ioeil, aig an robh a chòmhnaidh ann an Aroer, eadhon gu ruig Nebo, agus Bàal‐meon:


Agus a‑thaobh nam bailtean beaga nam fearann, chòmhnaich cuid de mhic Iùdah ann an Ciriat‐arba agus na bhailtean beaga, agus ann an Dibon agus na bhailtean beaga, agus ann an Iecabseel agus na bhailtean beaga,


Thig a‑nuas od àilleachd, agus suidh ann an ìota, O nighean a tha ag àiteachadh Dhiboin; a chionn gu bheil creachadair Mhòaib air teachd a‑nìos ann ad aghaidh, fear‐millidh do dhaingnichean.


Agus thàinig breitheanas air an tìr chòmhnaird; air Holon, agus air Iahasah, agus air Mephaat;


Agus air Ciriataim, agus air Bet‐gamul, agus air Bet‐meon;


Thig creachadair fòs air gach uile chathair; agus cha tèid cathair air bith as: agus millear an gleann, agus thèid an còmhnard a sgrios amhail a labhair an Tighearna.


Air an adhbhar sin, feuch, fosglaidh mise taobh Mhòaib, a leigeadh ris nam bailtean a tha air a iomall, maise na dùthcha, Bet‐iesimot‐Bàalmeon, agus Ciriataim,


Agus o Mhatana gu Nahaliel; agus o Nahaliel gu Bamot;


Oir b’e Hesbon baile mòr Shihoin, rìgh nan Amorach, a chog an aghaidh rìgh Mhòaib a bha ann roimhe sin, agus a bhuin a fhearann uile as a làimh, eadhon gu Arnon.


Thilg sinn saighdean orra; chaidh as do Hesbon eadhon gu Dibon, agus dh’fhàsaich sinn iad eadhon gu Nopha, a tha a’ ruigheachd gu Medeba.


Agus air an là màireach, ghabh Balac Balàam, agus thug e suas e gu àitean àrda Bhàail, a‑chum is gum faiceadh e o sin a’ chuid a b’iomallaiche den t‑sluagh.


Agus Nebo, agus Bàal‐meon (air dan ainmean a bhith air an atharrachadh), agus Sibmah: agus thug iad ainmean eile do na bailtean a thog iad.


Agus bha an crìoch o Aroer a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus an còmhnard uile gu Medebah;


Agus Iahasa, agus Cedemot, agus Mephaat,


Oir bha Maois air tabhairt oighreachd do dhà threubh, agus do leth‐threubh, air an taobh eile de Iòrdan: ach do na Lèbhithich cha tug e oighreachd sam bith nam measg.


Ach chan eil aig na Lèbhithich roinn sam bith nur measg, oir is i sagartachd an Tighearna an oighreachd‐san: agus fhuair Gad, agus Reuben, agus leth‐threubh Mhanaseh, an oighreachd‐san an taobh thall de Iòrdan air an làimh an ear, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh.


Nuair a ghabh Israel còmhnaidh ann an Hesbon agus na bhailtean, agus ann an Aroer agus na bhailtean, agus anns na bailtean uile a tha làimh ri Arnon, rè trì cheud bliadhna? Agus carson nach do bhuin sibh air an ais iad anns an àm sin?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan