Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 12:3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus an còmhnard gu muir Chineroit a làimh na h‑àird an ear, agus gu muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn a làimh na h‑àird an ear, an t‑slighe gu Bet‐iesimot; agus on àird a deas, fo Asdot‐pisgah:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus an còmhnard gu muir Chineroit a làimh na h‑àird an ear, agus gu muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn a làimh na h‑àird an ear, an t‑slighe gu Bet-iesimot; agus on àird a deas, fo Asdot-pisgah:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 12:3
15 Iomraidhean Croise  

Chaidh iad sin uile ann an co‑bhainn ri chèile ann an gleann Shidim, a tha a‑nis na fhairge shalainn.


Agus sgrios e na bailtean sin, agus an còmhnard uile, agus uile luchd‐àiteachaidh nam bailtean, agus na dh’fhàs air an talamh.


Agus dh’èisd Ben‐hadad ri rìgh Asa, agus chuir e ceannardan nan armailtean a bha aige, an aghaidh bailtean Israeil, agus bhuail e Iion, agus Dan, agus Abel‐bet‐maacah, agus Chinerot uile, maille ri tìr Naphtali uile.


Air an adhbhar sin, feuch, fosglaidh mise taobh Mhòaib, a leigeadh ris nam bailtean a tha air a iomall, maise na dùthcha, Bet‐iesimot‐Bàalmeon, agus Ciriataim,


Agus o Bhamot anns a’ ghleann a tha ann an dùthaich Mhòaib gu mullach Phisgah, a tha ag amharc ri Iesimon.


Agus thèid a’ chrìoch sìos o Shepham gu Riblah, air an taobh an ear de Ain; agus thèid a’ chrìoch sìos, agus ruigidh i gu taobh fairge Chineret a làimh na h‑àird an ear.


Agus thàrladh, nuair a bha am poball a’ dlùth‐theannadh air a‑chum facal Dhè èisdeachd, gun do sheas e làimh ri loch Ghenesaret,


Na dhèidh sin chaidh Iosa thar muir Ghalile, no Thiberiais.


An còmhnard mar an ceudna, agus Iòrdan, agus a chrìochan, o Chineret, eadhon gu muir a’ chòmhnaird, a’ mhuir shalainn fo Asdot‐pisgah a làimh na h‑àird an ear.


Agus an còmhnard uile air an taobh seo de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, eadhon gu muir a’ chòmhnaird, fo thobraichean Phisgah.


Agus a dh’ionnsaigh nan rìgh a bha mu thuath anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard mu dheas de Chinerot, agus anns a’ ghleann, agus ann an crìochan Dhoir, air an làimh an iar;


Agus Bet‐peor, agus Asdod‐pisgah, agus Bet‐iesimot,


Agus bha an crìoch mu dheas o thràigh na mara salainn, on lùib a tha ag amharc ri deas.


Agus b’i a’ chrìoch an ear a’ mhuir shalainn, eadhon gu ceann Iòrdain: agus bha a’ chrìoch air an taobh mu thuath o lùib na mara, aig a’ chuid a b’fhaide a‑mach de Iòrdan.


An sin sheas na h‑uisgeachan a thàinig a‑nuas on àirde, agus dh’èirich iad suas nan tòrr ro‑fhada on bhaile Adam, a tha làimh ri Saretan: agus theirig iadsan a chaidh sìos rathad muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn, agus ghearradh as iad; agus chaidh an sluagh thairis dìreach fa chomhair Iericho.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan