Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 11:9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus rinn Iosua riu mar a dh’iarr an Tighearna air: gheàrr e iosgaidean an each, agus loisg e an carbadan le teine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus rinn Iosua riu mar a dh’iarr an Tighearna air: gheàrr e iosgaidean an each, agus loisg e an carbadan le teine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 11:9
6 Iomraidhean Croise  

Nan diamhaireachd na tigeadh m’anam‐sa: rin coitheanal na biodh m’onair‐sa air a h‑aonadh: oir nan corraich mharbh iad duine, agus nam fèin‐thoil leag iad sìos balla.


Agus thug Daibhidh uaithe mìle carbad, agus seachd ceud marcaiche, agus fichead mìle coisiche: agus gheàrr Daibhidh speirean eich nan carbad uile, ach dh’fhàg e dhiubh dìol ceud carbad.


Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.


Feuch, tha mise ann ad aghaidh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus loisgidh mi do charbadan anns an teine; agus ithidh an claidheamh do leòmhainn òga; agus gearraidh mise do chreach on talamh, agus cha chluinnear nas mò guth do theachdairean.


Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na biodh eagal ort romhpa; oir a‑màireach, mun àm seo, bheir mise suas iad uile marbh am fianais Israeil: gearraidh tu iosgaidean an each, agus loisgidh tu an carbadan le teine.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan