Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 11:23 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

23 Mar sin ghlac Iosua an tìr uile, a rèir nan uile a thubhairt an Tighearna ri Maois, agus thug Iosua i mar oighreachd do chloinn Israeil, ann an earrannan a rèir an treubhan. Agus fhuair an tìr fois o chogadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

23 Mar sin ghlac Iosua an tìr uile, a rèir nan uile a thubhairt an Tighearna ri Maois, agus thug Iosua i mar oighreachd do chloinn Israeil, ann an earrannan a rèir an treubhan. Agus fhuair an tìr fois o chogadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 11:23
20 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh an clann a‑steach, agus shealbhaich iad an tìr, agus chìosnaich thu romhpa luchd‐àiteachaidh na tìre, na Canàanaich, agus thug thu thairis nan làimh iad fhèin agus an rìghrean, agus sluagh na tìre, a dhèanamh riu mar a bu mhiann leo.


Caisgidh e an cogadh gu iomall na talmhainn; brisidh e am bogha, agus gearraidh e an t‑sleagh; na carbadan‐cogaidh loisgidh e le teine.


Coimhead thusa an nì a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh: Feuch, fuadaichidh mi a‑mach romhad an t‑Amorach, agus an Canàanach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach.


Anns an fhearann bidh a shealbh ann an Israel; agus cha sàraich m’uachdarain‐sa nas mò mo shluagh: agus am fearann bheir iad do thaigh Israeil a rèir am fineachan.


Ach Iosua mac Nuin, a tha na sheasamh ad làthair, thèid esan a‑steach an sin. Thoir misneach dha, oir bheir e air Israel a shealbhachadh.


Uime sin nuair a bheir an Tighearna do Dhia fois dhut od naimhdean uile mun cuairt, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut mar oighreachd ra shealbhachadh, dubhaidh tu as cuimhne Amaleic o bhith fo nèamh; cha dìochuimhnich thu e.


Rè ùine fhada rinn Iosua cogadh ris na rìghrean sin uile.


Agus is iad seo rìghrean na tìre a bhuail Iosua agus clann Israeil air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar, o Bhàal‐gad ann an gleann Lebanoin, eadhon gu sliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir: a thug Iosua do threubhan Israeil mar sheilbh, a rèir an roinnean:


Agus thilg Iosua croinn air an son ann an Siloh, an làthair an Tighearna: agus an sin roinn Iosua am fearann do chloinn Israeil, a rèir an roinnean.


Agus a‑nis thug an Tighearna ur Dia fois dur bràithrean, mar a gheall e dhaibh; a‑nis uime sin tillibh, agus rachaibh dur pàilleanan, agus gu fearann ur seilbh, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh thall de Iòrdan.


Agus an ceann ùine fhada, an dèidh don Tighearna fois a thoirt do Israel on naimhdean uile mun cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnachan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan