Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 10:9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Uime sin thàinig Iosua orra gu h‑obann: rè na h‑oidhche chaidh e suas o Ghilgal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Uime sin thàinig Iosua orra gu h‑obann: rè na h‑oidhche chaidh e suas o Ghilgal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 10:9
9 Iomraidhean Croise  

Ma chì thu fear a bhios ealamh na ghnothaichean, seasaidh e an làthair rìghrean; cha seas e an làthair dhaoine ìosal.


Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.


Fuiling thusa uime sin cruaidh‐chàs, mar dheagh shaighdear Iosa Crìosd.


Searmonaich am facal, bi dùrachdach ann an àm agus ann an an‑àm; spreig, cronaich, earalaich leis an uile fhad‐fhulangas agus theagasg.


Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet‐horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah.


Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal romhpa; oir thug mise thairis dod làimh iad: cha seas duine dhiubh romhad.


Agus thàinig Iosua, agus an sluagh cogaidh uile maille ris, orra aig uisgeachan Mheroim gu h‑obann, agus bhuail iad orra.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan