Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 10:7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus chaidh Iosua suas o Ghilgal, e fhèin, agus an sluagh‐cogaidh uile maille ris, agus na fir threuna uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus chaidh Iosua suas o Ghilgal, e fhèin, agus an sluagh-cogaidh uile maille ris, agus na fir threuna uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 10:7
5 Iomraidhean Croise  

Na abraibh‐sa co‑bhainn ris gach nì ris an abair an sluagh seo co‑bhainn; agus na gabhaibh eagal ron uamhas‐san, agus na biodh geilt oirbh.


Agus bidh e na ionad naomh; ach na chloich‐thuislidh, agus na charraig‐oilbheim do dhà thaigh Israeil, na lìon agus na ribe do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim.


Agus chuir fir Ghibeoin fios gu Iosua, don champ gu Gilgal, ag ràdh, Na dèanadh do làmh moille od sheirbhisich: thig a‑nìos dar n‑ionnsaigh gu grad, agus saor sinn, agus cuidich leinn: oir tha rìghrean nan Amorach uile a tha nan còmhnaidh anns na beanntan air cruinneachadh ri chèile nar n‑aghaidh.


Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal, agus na bi fo gheilt; gabh an sluagh‐cogaidh uile maille riut, agus èirich, imich suas gu Ai: feuch, thug mi thairis dod làimh rìgh Ai, agus a shluagh, agus a bhaile, agus a fhearann.


Agus dh’èirich Iosua agus an sluagh‐cogaidh uile, a dhol suas an aghaidh Ai: agus thagh Iosua a‑mach deich‐mìle‐fichead fear treun ann an neart, agus chuir e air falbh iad anns an oidhche.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan